ft^»,jiLit r
> » i^
4ft^-.'!;
• S V
■♦ »: %
^ .* '^ f/
t, l
! M^ ••*v '^ '• V •• V '» * '• •• '«' '• *• ■'• V
/K -Mw V "ii V V - # V V 'i V 'i > V V V V V • V .. V •>
Jk V^ ^ > y V S- «k % * ^^ •* ^. ^
»• > », -%'
%' ^*' ^■■>
. K\ ^^ V^ >
* J^' V O ^' * V ^*
V^ V *;■
0
UCeW
COMH-CHRUINNEACHADH
///
DE
Laoidhean Spioradail
O B A N : HUGH MACDONALI), Oban Times Buildings.
ESPLANADE. Ow3^
\i
LAO I D H E A N.
LAOIDH MOLAIDH DO DHIA.
1. Tha sinn, a Dhia, 'seinn do chHù, Ag aideachadh gur tu ar Triath, 'Toirt urram dhut tha *n domhan mòt; 'Athair gun tìis, gun chrìch.
2. Tha na h-Ainglean naomh gu lèir, Tha cumhachdan nèimh gu h-àrd. Tha Cherubim le caithream binn, Is Seraphim a' seinn gun tàmh :
3. Is naomh, naomh, naomh
Thu, Thighearna Dhia nan slògh ;
Tha nèamh is talamh làn
Le d' mhòrachd is le d' ghlòir.
4. Tha còisridh ghlòrmhor Ostala, Tha Fàidhean 's àirde cHìi, Tha armailt geal nam Mairtirean Ga d' mholadh, d Righ nan dùl.
5- Anns gach àite a tha fo 'n ghrèin Tha d' Eaglais naomh, a Dhia, Ag aoradh dhut, 's a' toirt gèill, 'Athair na mòrachd gun chrich.
6. Aig d' aon Mhac fior tha 'h-uile còir Air urram is glòir mar-aon :
Mar sin 's an Ti 'ni cobhair oirnn,
An treas Pearsa de 'n Trianaid naoimh.
7. Is tus', a Chriosta, Righ na glòir, 'S tu Mac Siorruith gun tìis,
Nach d' rinn tàir air còm na h-Oighe Gu sàbhaladh a cheannach dhuinn.
8. Thug thu buaidh air guin a' bhàis,
Dh' fhosgail thu dha d' chreidich nèamh 'S tu 'tha 'n glòir Athair nan gràs, 'Na d' shuidhe air deas-làimh Dhè.
9. Thig thu 'thoirt breith air an t-sluagh, Gabh truas dhe d' mhuinntir fhèin,
A shaor thu le d' fhuil bu mhòr luach, A thaom bhuat tromh ioma creuchd.
10. Mealaidh iad do ghlòir gu bràch, Air an àireamh 'measg nan naomh ; Fo sgeith do chumhachd biodh iad slàn, Ann an seilbh do ghràsan caomh.
11. Ri.ighail iad, is dian dhaibh ìhI, Stiìiir iad gu beatha bhuain ; Molaidh sinn thu, 'Dhia nan dùl, Gach là bithidh do chHìi 'ga 'luaidh.
12. Molaidh sinn d' ainm gun tàmh, Gu là ar bàis 's 'na dhèigh ; Chìi bheirear dhut gu bràch ; Dion sinn le d' ghràs bho bheud.
13. Dian tròcair oirnne, a Dhia nan grà«, 'Rèir ar n-earbsa dian tròcair oirnn. Mo dhòchas tha unnads' a mhàin,
A chaoidh cha bhi fàiUinn orm.
I.AOIDH AINM lOSA.
1. Dh' fhòghnadh smaointean air d' ainm los', Gu sòlas dìan a ghin' 'am chrè ;
Cuilm 'bu taitniche na 'm fìon, M' inntinn ga 'lìonadh le d' spèis.
2. Cha taisbein binneas thèudan ciìiil, Cha nochd seanchas no tìir sluaigh, Cho luachor 's a tha 'n t-ainm u i dhuinn, 'S ainglean le ùmhlachd 'ga 'luaidb.
3- Gach ni 'tha 'm flathanas Dè, Air talamh no fo 'n talamh shìos, Lùbaidh an glùn gu lèir, 'N uair chluinneas iad ainm euchdach los',
4. los' an t-ainm os cionn gach ainm', Beatha m' anma, 's mo lèÌL^h ; Ged is tric a thoill mi d' fhearg, Bithidh mi 'leanmhuinn air do dhèigh.
5. 'N uair a dh'-iarras an saoghal 's an fheòi! Ormsa dòibheart 'chur 'an gnìomh, Dìridh mo spiorad mar a's còir,
Gu righ na tròcaire gu 'dhìon.
6. Air sgiathan creidimh agus gràidh Teichidh mi gu gàradh mo mhiann, Far an d' fhuiHg Criost' a phàis,
Is fallus 'ga 'fhàsgadh romh 'bhian.
7. 'S a' ghàradh choisinn sinn am bàs : Pheacaich Adhamh, dh' ith e 'm meas : 'S a' ghàradh dh' ùmhlaich Righ nan gràs E-fhèin, gu 'r sàbhaladh bho sgrios.
8. Bhrìichd cùirneana falluis mar dheòir Tromh chorp glòrmhor le fìor phèin ; Bu tròm mo pheacannan gun toirt Air Uan neo-chiontach mo Dhè.
9- Bhuaileadh Cibear nan caoin bhèus, Sgapadh a threud 's a luchd-dàimh ; Ciiaidh Criost' a blirath le Ostal fhèin, Chuir pòg an eucoraich e 'n làimh.
10. Guileamaid mu d' dhìol-s', a Chriost', 'Ad bhall-bìiirt 'am measg do nàmh, O's iad ar peacannan a sgiùrs',
'S a sparr le cràdh an crìin mu d' cheann.
11. 'Choluinn, ùmhlaich sios thu-fhèin Aig bun a chroinn-cheusd 'a dh-Ios', 'S na cuir tuilleadh e gu pèin,
Ag ìirach a chreuchd' le d' ghniomh.
12. M' anam, ùmhlaich sios do d' Dhia, Las mar theine dian do ghaol ; Smaoinich na dh' fhuihg do Thriath. Dh' ionnsaidh d' fhiachan a bhi saor.
13. Thug e 'ghoimh dhuinn às a' bhàs, Rinn e Pàras fior de 'n uaigh ;
'N uair 'rinn e aiseirigh nan gràs, Choisinn air gach nàmhaid buaidh,
14. Chìi do 'n Atliair, 's cUìi do 'n Mhac,
'S chìi do 'n Spiorad neartmhor naomh ; Trianaid chunihachdach nam feart, Molamaid mu seach 's mar aon.
LAOIDH AN SPIORAID NAOIMH,
1. A Spioraid Naoimh, ar n-ard-threise, Thig bho ghrian-chathair do ghlòir : Sgaoil gach ceò 'tha 'g ar cur iomrall, 'S leig soillsein dhe d' shohis òirnn.
2. Thig, O Athair nan dioldèirce, Do gach feumach sìn do làmh ;
An làmh bho 'n tig gach rogha gibht, Soilleirich gach cridhe dall.
3. A Righ na cofhurtachd 's an t-sòlais, Bu tu Aoidh an àigh do 'n anam ; Cha-n fhairich e teas no ganntar
'Se 'n ad làimh-sa 'triall gu aineol.
4. 'S tu 'bheireadh furtachd agus tàmh Do 'n phiantach a bhios fo sgios ; A mhal' air an laidh am pràmh
'S ann agadsa tha sòlas di.
5. O ShoUn's a's àilHdh snuagh, Na bi 'n dubhar òirnn 'n ar càs :
Is ann an crìdh* do chrcideach gaoil Beothaich teine caomh do ghràidh.
6. Gun do cbòmhnadh-sa, 'Dliia threin, Cha-n 'eil sgoinn 'am mac an duine ; Cha-n 'eil ceann gun lochd fo 'n ghrèin, 'S ann ad mheinn-sa 'tha sinn uile.
7. Glan-sa dhinn gach uile thruaiUeachd, Uisgich le d' ghràsan ar tart ; Leighis gach anam a tha leòinte ; Striochd na rag-mhuin'laich ri d' reachd.
8. Taisich neimh a' chridhe chruaidh ;
Bi 'd chairt-iùil dhuinn anns gach gàbhadh 'S do na creidich 'iha 'nad earbsa Thoir seachd tiodhlaicean do ghràidh.
9. Treòraich na creidich ri 'm beò, 'S na treig iad 'an uair am bàis ; Sàbhail an anam bho phian,
'S gum meal iad do shìth gu bràch.
TALADH CHRIOSTA.
Air Fo7in — " Cumhadh Mhic Arois."
I. Mo ghaol, mo ghràdh, is m' fheudail thu ! M' ionntas ùr is m' eibhneas thu ! Mo mhacan àluinn, ceutach thu ! Cha-n fhiìi mi fhein 'bhi 'd dhàil.
8
2. Ge mòr an t-aobhar cliù dhomh e, 'S mòr an t-aobhar cìiram e,
'S mòr an t-aobhar ìimhlachd e, — Righ nan dùl 'bhi 'm làimh.
3. Ged is leanabh dìblidh thu Cinnteach 's Righ nan Righrean thu ; 'S tu 'n t-oighre dhgheach, fìrinneach
Air rioghachd Dhè nan gràs.
4. Ged is Righ na glòrach thu, Dhiìilt iad an tigh-òsda dhut, Ach chualas ainglean sòlasach
'Toirt glòir do 'n Ti a's àird'.
5. Bu mhòr sòlas agus ioghnadh BuachaiUean bochda nan caorach
'N uair chual iad na h-ainglean ag glaodhaich " Thàinig Slànuighear thun an t-saoghail."
6. B' e sin an ceòl 's an naigheachd àghor 'Sheinn na h-ainglean anns na h-àrdaibh Ag innse gun d' rugadh Slan'ear
Am Bethlehem 'am baile Dhàibhidh.
7. B' e sin sgeula binn nam beannachd Mu 'n aoidh a rinn tearnadh gii talamh ; Cha-n ioghnadh nii 'bhith mùirneach geanail, Is gile na 'glirian mo leanabh.
8. Dh' fhoiUsich reuha dha na Righrean, Lean iad i mar iùil gu dìleas, Fhuair iad ann am achlais fhèin ihu,
Is rinn ìimhlachd dhut gu làr.
9. Thairg iad òr dhut, mirr, is tìiis, Thug iad aoradh dhut is cHìi, B' e turus an àigh do 'n triìiir 'Thàinig a shealltuinn mo rùin.
10. 'O na dh' innis aingeal Dè dhuinn Gun robh 'n fhoill 'an cridhe Heroid Dh' fhalbh sinne leat do 'n Eiphit 'Ga sheachnadh mu'n diante beud ort.
11. O Hèroid a cliridhe chruaidh !
Cha choisinn d' innleachd dhut buaidh. 'S Honar màthair 'dh' fhàg thu truagh Gu dian an toir air bàs mo luaidh.
12. 'S fhada, 's fhada bho ludèa Tearuinte bho d' chlaidheamh geur e. 'Measg nam mac cha d' fhuair thu fhèin c. 'S faUainn, slàii thu, 's fàth dhomh eibhneas.
13. Dh-aindeoin do mhi-rìiin is d' fharmaid Bidh mo Mhac-sa cHùiteach, ainmeil. Cha chuir e ìiigh 'an òr n' an airgiod,
A rioghachd cha rioghachd thalmhaidh.
lO
14. Gur galach, brònach, tùrsach iad An dràsd' ann an lerùsalem
A' caoidh nam macan ùra sin, — 'S b' e 'n diìibhail 'n cur gu bàs.
15. Tha Ràchel an diugh fo bhròn A' caoidh a pàisdean àkiinn, òg ; 'S frasach air a gruaidh na deòir Bho nach 'eil iad aice beò.
16. Tha mi 'g altrum Righ na mòrachd ! 'S mise màihair Dhè na glòrach ! Nach buidhe, nacli sona dhòmhsa ! Tha mo chridhe làn do shòlas.
17. Thàinig, thàinig am Messia ; Fhuair na fàidhean uile 'n guidhe :
'S fhada bho n' b' àiU leo thu thighinn. 'S àkiinn thu air mo ruighe.
18. A ghnothach gu talamh cha b' fhaoin e — 'Cheannach sàbhaladh 'cliloinn-daoine :
'S e 'm Fear-rèite 's am Fear-saoraidh, Is e 'n Slàn'ear grà(ihach, caomh e.
19. Cia-mar a dh' cirich dhòmhsa
'Measg an t-sluaigh a bhith cho sònraicht'? 'S e toil is cumhachd Righ na glòire Mac 'bhith agam geci is òigh mi.
1 I
20. Is niise 'fhuair an ulaidh phriseil, Uiseil, uasal, luachor, fhinealt: 'N diugh cha dual domh 'bhith fo mhì-ghean — Is coltach ri bruadar an fhìrinn.
2 1. Cha tuig ainglean naomh no daoine Gu là deireannach an t-saoghail Meud do thròcair is do ghaoil-sa 'Tighinn a ghabhail coluinn daonda.
2 2. Bheir mi moladh, bheir mi aoradh,
Bheir mi cUìi dhut, bheir mi gaol dhut : Tha thu agam air mo ghaoirdean, — 'S mi 'iha sona thar cloinn-daoine.
23. Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlà !
Mo ghaol an cridhe 'tha liont' le gràdh ! Ged is leanabh thu gun chàil Is Honor buaidh 'tha ort a' fàs.
24. M* ulaidh, m' aighear, is mo luaidh thu ! Rìm, is gao], is gràdh an t-sluaigh thu ! 'S tus' an Ti a bheir dhaibh fuasgladh Bho chuibhreach an naimhid uaibhrich.
25. 'S tu Righ nan Righ, 's tu Naomh nan naomh ; Dia am Mac thu 's siorruidh d' aois ;
*S tu Mo Dhia 's mo leanabh caomh ; 'S tu àrd Cheann-feadhna 'chinne-daonda.
12
20. 'S tusa grian gheal an dòchais 'Chuireas dorchadas air fògairt ; Bheir thu clann-daoin' bho staid bhrònaich Gu naomhachd, soiUeireachd, is eòlas.
27. Thigeadh na slòigh a chur ort fàilte — 'Dhianamh ìimhlachd dhut mar Shlàn'ear. Bi'dh sòlas mòr am measg siol Adhamh — Thàinig am Fear-saoraidh, thàinig.
28. Thig, a pheacaich, na biodh sgàth ort ; Gheibh na dh-iarras tu 'ghràsan :
Ged bhiodh do chiontan dearg mar sgàrlaid Bi'dh d' anam geal mar shneachd nan àrd-bheann.
29. Hosannah do Mhac Dhàibhidh,
Mo Righ, mo Tiìighearna, 's mo Shlàn'ear ! 'S mòr mo shòlas 'bhi 'gad thàladh : 'S beannaichte am measg nam mnài mi.
LAOIDH MHOIRE.
I. Di-do-bheath', a Mhoire Mhaighdeann, 'S gur gile do Mhac na 'ghrian ; Rugadh am Mac 'an aois 'Athar, Oighre Fhlathanais g' ar dion.
15
B' iosal an ceum 'thug an Slàn'ear,
'Tighinn a Pàras gu talamh ; Rugadh e ann an stàball,
Gun tuilleadh àite dha falamh.
2. Cha d' iarr Bànruinn na h-ìimhlachd
Fùirneiseachd, rìim, no seòmar; Cha mhò 'dh' iarr i mnathan-glùine,
Ach Righ nan Dùl a' bhi 'ga còmhnadh. Cha d* iarr Micein na h-uaisle
Cuisein, no cluasag, no leaba, Ach gu 'n d' eirich lcis a Mhàthair
'G a chur 's a' mhàingeir 'na laidhe.
3. B' aobhainn an sealladh a fhuair i
An uair a thàinig e às a colainn ; 'G a shuaineadh 'an anartan bàna
An Slàn'ear a thàinig gu 'r ceannach Shoillsich reulta anns an athar
*Rinn rathad do na trì rìghrean ; Thàinig iad g'a shealltainn le fàilte,
'S gaol is gràdh 'thoirt da le fìrinn.
4. Thàinig na buachaillean bochda
'Ghabhail fradhairc air 's an tìm sin — Misneach do 'n lag 's do 'n làidir,
Gu 'bhi cho dàna air an Tì ud. 'N uair chuala Herod an àrdain
An t-arganach a thigh'n gu talamh,
14
Cha d' fhàg e micein aig màthair Gun a chur gu bàs le 'an-iochd.
5. Rinn Moire naomh an lagh a chleachdadh —
Thairg iad an leanabh anns an teampull. Dh' fhalbh iad a dh-oidhche 's a latha
Leis do 'n Eiphit 'ghabhail tamhachd : Dh' fhuirjch iad an sin, car tamuil,
'Ga altrum agus 'ga 'àrach Ann an gaol, 's 'an gràdh, 's 'an ùmhlachd,
Le dùrachd athar 'us màthar.
6. 'N uair chual iad gu 'n d' eug Righ Herod
Smaoinich iad ceum a thoirt dachaidh ; Bu mhiannach leo sealladh de 'n cairdean,
'S fhad 's a bha iad gun am faicinn. Thug iad chu do Dhia 's an teampull,
'S gu Nasaret air dhaibh 'bhi 'tilleadh, Suil ga 'n d' thug iad thair an gualainn,
Dh 'iunntraich iad bhuap am Messia.
7. 'S iad a bha gu bronach, duiHch,
Trath nach b' fhurasda dhaibh' fhaotainn ; 'S a mhiad 's a rinn iad 'ga 'shireadh,
Bu dubhach a bha iad as 'aogais ; Ach tim dhaibh dol deiseal an tcampuU
Dh' aiihnich iad a chainnt gu beath lil, 'Measg nan ollaichean a* teagasg,
Bu deas a thigeadh dha labhairt.
S. Labhair an sin r.s a mhàthair ;
" Ciamar a thàinig dhut fuir.-ach ? 'S dubhach a rinn thu ar fagail,
Na tri laithean bha sinn 'ga d' shireadh ;" " A mhàthair na biodh ortsa mulad,
Ged a dh' fhuirich mi 's an teampull ; Seirbhis m' athar anns na flaitheas,
Feumaidli mi feitheamh 's gach àm dhi.
9. " A liuthad latha fuachd is acras,
Siubhal seachrain agus imeachd, A th' agamsa ri fhulang fhathast,
Mu 'n teid mo ghnothuch gu finid ; Fuihgidh mi fhathast mo bhaisteadh,
Fuihgidh mi traisg anns an fhasach, Fuiligidh mi 'n nàmhaid 'ga m' bhuaireadh,
Is mo bhualadh, is mo phagadh.
10. " Fuih'gidh mi breth agus binn,
Is mo chur sios le fianais-bhreige ; Seallaidh mi gu h-umhlaidh, iseal,
Ged a dhitear mi 's an eucoir : Mo chur bho Philat gu Herod,
A dh' innseas sgeula mar is aill leo, 'S bho 'n nach dian mi mar is math leo
Cuirear deis' de 'n anart bhàn orm."
11. 'N uair a dheasaìch iad an t-suipeir
Dha fhein 's do na bh' aige de mhuinntir,
i6
Bheannaich e agus bhlais e,
Rinn e sin an casan ionnlad. 'N uair dh* aithnich e 'm bàs ga riribh,
Dh' fhàg e dileab aca deonach ; Bho 'n nach d^ fhaod e aca fuireach,
Bheannaich e 'fiiuil agus 'fheoil dhaibh.
12. Rinn e anns a' ghàradh ùrnaigh,
Chuir e gu dlùth dheth fallus fala ; Dh' fhuilig e rithist a sgiursadh
Is crun a chur air de 'n dreathann ; Smugaidean a chur 'na aodann,
'S a bhualadh air gach taobh le 'n dearnaibh : Ghiulain e 'chrois air a ghuailnean,
'S a chur suas eadar dha mheirleach.
13. Bhlais e 'n cupa 's an robh *n t-searbhag
Tiota bheag mu 'n d' fhalbh an anail ; Thug e mathanas dh' a naimhdean,
'S liubhair e do 'n Ard-righ 'anam. Leig iad sios às a' chrois E,
Liubhair iad a chorp dh' a mhàthair ; I fhèin 's na bh' aice de mhuinntir,
Rinn iad anns an ìiir a chàramh.
14. Aig fheothns 's a rinn thu a ghleidheadh,
A dh' fhalbh leis a latha 's a dh-oidhche ; Aig fheothas 's a rinn thu air feitheamh, Di-do-bheath', a Mhoire Mhaighdeann ;
17
Di-do-bheath', a Mhoire Mhaighdeanii, 'S gur gile do mhac na 'ghrian ;
Rugadh am Mac 'an aois *Athar, Oighre Fhlathanais g' ar dion.
LAOIDH NA MAIDNE.
1. Tha mi 'faicinn a ghath ghil 'Tearnadh bho nèamh os mo chionn — Solus uinneagach nam flath,
'S fad 'tha mis' am laidh' ar leam.
2. 'S fheàrr èirigh dh' ionnsuidh do sholuis, Glòir is onair thoirt dha chionn
Do 'n fhear a rinn grian 's an latha Is gealach ann an àm laidh' dhuinn.
3. Tha grian is gealach is reultan Anns na speuran os ar cionn
'S iad a' soillseachadh a chruinne 'S a seòladh luingeas gu tlr.
4. Bho 'n dh' òrduich thu solus glè-gheal 'Ni feum dhuinne anns an t-saoghal, Biodh do sholus rèidh dh' ar n-anam Bho 'n 's tu fhèin a cheannaich saor sinn.
B
i8
5. 'Se an solus an creideamh naomh
Tha 'n Eaglais daonnan a' leughadh : — Na 'n cuireamaid a ghuth 'an gniomh Cha bu diomhain dhuinn ar cèiHdh.
6. Chitheamaid 'am measg an t-soluis
An Triùir anns a' chothrom chòmhnard Ann an gniomh, an gràdh, 's an gilead, Gun aon diubh 'sine na 's òige.
LAOIDH NA H-OTDHCHE.
1. 'N àm dol a laidhe dhuinn Leagamaid ar glùn ri làr
'G iarraidh mathanais gu dlùth 'S na rinn sinn bho thìis an là.
2. Cuireamaid cùl ris an t-saoghal Mu 'n leag sinn ar taobh 's an leaba Gun fhios nach i uair a chunntais 'S faisge dhuinne na 'mhaduinn.
3. Smaoinicheamaid air an leaba
Gur e sud leth-bhreac na h-uaghach,
Gur i 'chiste chaol 's an tèid sinn
Na dèileachan 'bhios mu *n cuairt duinn.
»9
Smaoinicheamaid air ar lèinidh Gur i sud èideadh na fuarachd ; 'S a h-uile h-uair a ni sinn dùsgadh Gur i 'n ùir a bhios air ar n-uachdar.
COMHRADH RIS A' BHAS.
1. Ochòin an nochd mar 'tà mi
'S am bàs air teachd orm gun fhios ! Labhair e gu calma cruaidh, 'S èiginn uair a shìneadh ris.
2. Labhair mise gu bochd truagh : — {Ise) " Ciod e 'ghruaim a chuir mi ort
'N uair a thàinig thu cho coimheach garg 'S nach do ghormuich snàim dhe m'fhalt ?"
^.{Am Bàs) *' Cha b' e sin a b' fhasan domh
'Bhith 'feitheamh ris gach tè 'bhith liath, Ghabhainn an sean is an t-òg. 'S mòr mo chòir luchd a' strian."
4. {Ise) " Cha-n 'eil mo chuideachd ach maoth, 'S còir 'bhith bàigheil ris a' chloinn Gus an àraichear an t-òg 'S a chuid a's mò dhiubh'chur'an greim."
5.(^^1») "Ciode'c Nadi dùn : B' fheàiT c Aia aiie a ::
6,
'Sr
«. (/«?) "Ochc "SnacL Fiach i. Gos ac
I '-.
ibhf
rtsin.
imh,
1 bhoat
.-^Q-righ.'
|
5 «^^ A>^ |
m |
'Sbut •Oiwf Ni - ■ |
1 ^ - r tho roimhe |
|
' ' m » 0 |
chàs sin; .pàrr romhad |
'.hz *s an taobh omiy aon no dhà leis, Gos an d' thag e onn 'bhith 'glaodhakfa, ' 'ieaiit fhaoin domh bimtiiion dàsan.
(
1 UIIlIi.iiii jLUai4ì
-•^* %
^ %^# '. -
f
21
11. 'N uair a dh' fhairich mi 'm bàs ga rìreamh Thu^ nii sgriob fo sgèiih mo Shlàn'ir; Rinn e rium ro-mhòr.in caoimhneis, 'S thug e air an aog 'bhith sàmhach.
i2.{Cn'ost(j) ^^ChcL toir mise tuiUeadh pèine
Do 'n chreutair bhochd' bha mi-thaingeil, Fiach an tig i orm na 's ùmhlaidh 'S an cuir i ci!il lis an àrd.in."
\ '-. '- •' i - .
*•* ♦>o^«9
k^: '
'•M
AM BAS IS FLATHAXAS.
1. 'S geàrr gus am bi an ceann so 'Na chlaigionn lom air grodadh, 'S geàrr gus am bi 'n t-sùil-se
A call a bhìiirn 'n a logaig.
2. 'S geàrr gus am bi m' beul so Gun deudach no gun teanga; 'S geàrr gus am bi 'n t-stròin-se Gun fhàileadh no sjun bholadh.
•- ". .*
2- 'S geàrr gus am bi na cluasan, Dha 'n dual a bhith ri èisdeachd Gun chlaisteachd no gun chluinntinn, Gun iomradh air aon sgeula.
20
S.{AmBàs) " Ciod e 'n t-iomradh 'th' agad diìibh? Nach dian na 'th' ac' do rian ? B' fheàrr dhut an leigeil air chùl, An aire a thoirt gu dlùth air Dia."
6. {fse) " Na 'n saoihnn gum biodh tu 'rìreamh Dhianainn gu cinnteach riut comunn, Gu *n tugadh tu mi gu m 'Shlàn'ear, Comas a bhith 'ghnàth 'n a shealladh."
^.{AmBàs) **Ni mise mo chuid fhèin de 'n bheairt sin, IsUchidh mi do shròin bho 'n àrdan, Fàgaidh mi do chasan caola 'S ni na daolagan dhiot fàrdach."
8. {Ise) " Ochoin ! ma tha thu gu rìreamh,
'S nach fhaigh mi sìneadh no dàil bhuat
Fiach an tig thu orm ìsleadh
Gus an dian mi sìth ri m' Ard-righ."
g.{AmBàs) "'S ioma latha 'fhuair thu roimhe 'S bu bheag d' aire air a chàs sin ; 'O nach d' sheall thu na b' fheàrr romhad Ni mise an gnothach an dràsda."
lo. Bhuail e buiUe mhòr 's an taobh orm, Cha d' fhoghainn a h-aon no dhà leis, Gus an d' thug e orm 'bhith 'glaodhaich, *S bu bheairt fhaoin domh buntuinn dàsan.
21
II. 'N uair a dh' fhairich mi 'm bàs ga rìreamh Thug mi sgrìob fo sgèith mo Shlàn'ir; Rinn e rium ro-mhòran caoimhneis, 'S thug e air an aog 'bhith sàmhach.
t2.{Cn'osfa)^'Cha. toir mise tuilleadh pème
Do 'n chreutair bhochd' bha mi-thaingeil, Fiach an tig i orm na 's ùmhlaidh 'S an cuir i cùl ris an àrdan."
AM BAS IS FLATHANAS.
1. 'S geàrr gus am bi an ceann so 'Na chlaij^ionn lom air grodadh, 'S geàrr gus am bi 'n t-sùil-se
A call a bhìiirn 'n a logaig.
2. 'S geàrr gus am bi m' beul so Gun deudach no gun teanga ; 'S geàrr gus am bi 'n t-stròin-se Gun fhàileadh no gun bholadh.
j. 'S geàrr gus am bi na cluasan, Dha 'n dual a bliith ri èisdeachd Gun chlaisteachd no gun chluinntinn, Gun iomradh air aon sgeula.
22
4- 'S geàrr gus am bi na làmhan so Air lobhadh 's iad air fàilneach' ; 'S geàrr gus am bi na casan so Air grodadh bho na sàiltean.
5. 'S geàrr gus am bi 'n cridhe so, Dha 'n dHghe 'bhith ri smaointean^ 'G a itheadh aig na biasdan
Gun iomradh air na saoilte.
6. 'S geàrr gus am bi 'n t-anam-so Fo bhreitheanas na fìrinn' 'Am flathanas an uachdar
No 'n ifrinn 'fhuair an t-iochdar.
7. A choluinn 'tha làn 'àilleas Làn saibhreachd is feudail, Cha tèid leat an latha sin Ach ciste chlàr is lèineag.
8. Aon ni air an t-saoghal so
Ged fhaigheamaid duinn fhèin e, 'S mòr gum b' fheàrr an latha sin Cead suidhe 's a' chathair ghlè-ghil,
9. Far am beil an Trianaid,
'S na miltean 'tha mu 'n cuairt di 'Sior-mholadh an t-Slàn'ir A rinn le 'bhàs ar fuasgladh.
23
10. Tha deisichean a's gil' orra No drileanan na grèine, 'Dh-aighear is de cheòl, 'Shòlas is de dh-èibhneas.
11. Na crùintean air an ceann-sa A' lasadh mar na daoimein. 'S an t-ùrlar 'tha fo *n casaibh Mar chriosdal geal a' soiUseadh.
12. Na geataichean 's na cabhsairean Air amhluidh de dh-òr fior-ghlan, 'S na ballachan mu 'n cuairt daibh Mar chlachan buadhach leugach.
13. Na h-uisgeachan gu lionor A* ruith le fion 's le bainne ; 'S na craobhan air an lùbadh Le sìigh na cìre-meala.
AN EAGLAIS.
I. Bheir mo shoraidh leis an triùir
A tha 'caitheamh na shgh' air an aineol ; Ged a dh' fhàg sibh às ur dèigh sinn De fios nach fheudar ur leanailt :
24
Ged dh' fhograr sibh às an righeachd 'S beag an diobhail do 'n Phàp e :
Cha ghluais sin an Eaglais dhaingeann 'Thog mo Righ air carraig làidir.
Cha-n urrainn geataichean iutharna
Na cumhachdan nan daoine Car a thoirt di as an làraich,
A clachairean cha rì' fhàg cho faoin i Rinn iad ballachan dhe choluinn
Rinn iad uinneagan dhe chreuchdan 'S ann dhe bheul a rinn iad dorus
'S tha dha shùil gu solas glè-gheal.
Rinn iad sliata dhe chrùn-dreaghain,
Rinn iad staidhir dhe chrois-cheusaidh, Rinn iad le traisg is le ìirnaigh
A' teannachadh gu dlùth ri chèile. Is Moire mhàthair a h-ùrlar,
Dh-urnaisich da-ostal deug i, 'S mòr a fhuair iad rithe ' shaothair
Feadh an t-saoghail gus na dh-eug iad.
Comas dìinaidh agus fosglaidh
Fhuair na h-ostail sin mar oighreachd, — Gach aon ni e 'ni sibh a cheangal
Bithidh e dùinte daingeann, snaimte ; 'S gach ni 'dh-fhuasglas sibh air talamh
Ma nìtear aithreachas gle-mhor
. ^5
Bidh e fuasgailte ann am Pàras' Le gràsan a Spioraid nèamhaidh.
•5. Chàirich iad a chreud ni' a timchioU
Mu 'n d 'thigeadh i as a chèile. Tha seachd glasan air a h-ursan,
'S tha 'h iuchraichean aig luchd-gleidhidh : Comas Baistidh — a chiad òrdugh,
Comuinn, is Comhnadh, Faoisid, Ola-ro-bhàs, Odrugh 's Pòsadh, —
Sin na seachd a's còir dhuinn fhaotuinn.
•6. Tha seachd peacannan ri 'sheachnadh,
Tha seachd subhailcean 'g an claoidh sin ; Mu 'n d' thig a chiad seachd gun fhios oirnn
An t-seachd eile 'bhi tric 'n ar cuimhne ; — Uabhar, sannt, drìiis, is craos,
Leisg, farmad agus fearg : An t-seachd sin a chur o 'n dorus
Mu 'm faigh sinn cronachadh garg.
7. Na seachd subhailcean 'n an dèigh sin,*
Is ceithir a tha feumail dha 'n anam, — Teagasg, comhairle agus eòlas,
Misneach an àm bròin do 'n charaid, Umhlachd, feileachd agus geimneachd,
Caranntachd do ghnà dha 'n fheumach, Faighidinn, measarrachd, iasgachd
'Bhith leinn 's gach àite 's an tèid sinn.
26
8. Seachd obraichean na tròcaire
Is còir 'chumail an cleachdadh — Biadh, deoch, fàrdach, aodach
Thoirt do dhaoine 'bhios 'n an airce ; 'S ma bhios iad gu tinn n* am prìosan
'Dhol gu sìobhalta g' am faicinn, 'S ma chluinneas sinn gur a bàs dhaibh
Còmhnadh gu fàgail 's a' chlachan.
9. Na ceithìr nitheanan mu dheireadh
'N àm deileachadh ris an t-saoghal — Bàs, breitheanas agus flathanas,
lutharna an rathad nach caomh leinn ; 'S bho nach caomh leinn do na rathad
Eitheamaid air ar faicill daonnan Is fhios againn nach fhaod sinn fuireach
'N uair a thig sumanadh an aoig oirnn.
AN T-ALrACHADH LAIDHE.
Laidhidh mis' a nochd Le Moire, le Mac : Màthair mo Righ 'G am ahion bho 'n olc Laidhidh mi le Dia, Laidhidh Dia kain :
27
Cha laidh mi leis an olc,
Cha laidh an t-olc leam.
Eiridh mi le Dia,
Ma 's ceadach le Dia leigeil leam.
Deas-làmh Dhia
Is Chriosta gun robh leam,
Is crois nan naoi Aingeal fionn
Bho thraidhean mo bhonn
Gu mullach mo chinn.
Guidheam Peadar, guidheam Pòl,
Guidheam Moire Oigh 's a Mac,
Guidheam an dà Ostal deug
Gun mise 'dhol eug a nochd.
A Chriosta chumhachdach na glòire,
A Mhic na h-Oighe 'tha glan is cìibhraidh
Seachainn sinn bho thigh nam pian,
'Tha gu h-ìosal, dorcha, dìiinte.
Na reacham an eucoir nan geasach ;
'S f had 's a bhios a choluinn 's a chadal chaomb
Biodh an t-anam air bharraibh na fìrinn*
'An co-chomunn nan Naomh. Amen.
LAOIDH A' PHURGADAIR.
I. Mise 'so 'am prlosan ìseal
Leam is tìm a' bhith 'g a fhàgail, 'Snàmh air loch nach fhaodar innse Gur uisge na dìle na sàil' e
28
Ach pronnstal is teine gun diocladh 'Dh' òrduich Dia — 's e 'phian a's fheàrr e, — Far am bi 'n t-anam 'g a riasladh Gus an diol e h-uile fàirdein.
Cha tàmh dhomh 'm chadal no 'm dhìisg' Ag osnaich dlìith, 's cha dian e feum domh Mo shìiil silteach 'sealltuinn suas Fiach am faic mi 'h-aon fo 'n ghrèin A chuireas ùrnaigh suas gu Criosta, 'Nochdas do 'n Trianaid mo chreuchdan Gus a' faigh mi ged nach fhiach mi Fois bho mhiarailtean a cheusaidh.
Dorsan na tròcair air an dìinadh
Cha dian cumha 'n toirt bho chèile,
Cha dian deòir e, cha dian tùrsa,
Ach iochd an Triùir a rinn mi thrèigsinn.
'S a mhiad 's a ruitheas de dhùine !
Mu 'n dian mi 'n t-iomlan a phàigheadh,
'S gur Honoire mo dhò-bheairt
Na gaineamh 'an còmhair na tràghad.
Ceartas Dè cho cruaidh ri ghiùlan Anns gach cùis 's an d' rinn mi eucoir Gur mairtir mi a tha 'g a dhìiradh, Nàimhdean a dùbladh na pèin' orm : Mar chaoirlhein' a' rùith 'n an driùchdan Nàimhdean na h-urnaise 'g am fheuchainn,
29
Mo chorp na 'n deigh air fàs na 's fhuaire 'S an t-aog a' bualadh a phèin orm.
'Nis' bho 'n rinn an t-aog mo sgaradh Bho 'n choluinn a bha 'g am iomchar Chaidh mo thoirt air bialthaobh cìiirte Gu cunntas a thoirt 'n am iomrall. Bha 'n t-aibhistear ann 's a mhuinntir 'S mo chuinnseas a' togail fianuis Far na bhrist mi air na fàintean 'S gach càs 's an deachaidh mi iomrall.
Cha-n 'eil gadachd 's cha-n 'eil siìirsachd^ Cha n 'eil magadh bùird na tàmailt, Cha-n 'eil bristeadh fèill' na Dòmhnuich, Cha-n 'eil òl na pòit na gàbhachd — Na mìltean nach d' rinn mi 'lèirsinn Mu 'n d' fhuair mi bho 'n eug a bhàirHnn^ Nach do chuir mo nàmhaid suas orm 'S mi air m' uaineachadh 'n a làthair.
Cha-n 'eil farmad, fuath, na diìimb, 'l'rod na cùlchainnt, briag na àrdan, Na mi-dhilseachd na mi-dhìirachd, Nacosg na h-ùin' air bheagan stàtha, Na smaointean salach na feòla Leis na dheònaich mi 'bhith sàsuicht; 'S bha mi fodha dheth gu dìlidh Mar b' e lobairte mo Shlàn'ir.
30
S. Ged nach d' fhuair mi ifrinn mar àite Leis na thàrladh dhomh de dh-eucoir, Tha pian aimsireil orm ri phàigheadh Ann an teine gun chnàmh' gun teirgsinn. Mar rinn ioma duine 'bhàinidh Bha mi sàsda mu 'n do dh-eug mi, 'S mòr gum b' fhasa bliadhn' an tràth sin Na lath' an dràsda 'thoirt 's a phèin so.
■9. Tha 'm pathadh gach tràth cho cruaidh orm Boinn 'an cuan cha dianainn fhàgail, 'An'àmhuinn theine '2; am ròsladh M* fhuil a dòrtadh, m' fheòil a cnàmh' ann : Mar mhadadh-alluidh gun bhiadh ann, Mar leomhann gun sian a's fheàirrd' e, Mar thìogair guineach 'g am spòltadh Cion mo lòin 's gach lò air m' fhàgail.
10. 'S a chàirdean 's a mhuinntir ghaoil Seachnaibh gach ni 'rinn mi àireamh. Nach fhaic sibh mise so mar shamhladh ; Seallaibh ciamar ann a tha mi.
Ma is math leibh a 'bhith 'sòlas Claoidliibh an fheòil is cuiribh 'bàs i, 'S èighibh cogadh ris an t-saoghal, Seasaibh mar dhaoine romh Shàtan.
11. 'S ged tha 'phian cho cruaidh ri fhulang Gun dòigh a's fhus' oirre na cheile.
31
Tha fois is furtachd aig m' inntinn Gum beil Ti ann dha 'm beil spèis dhiom, 'S ged nach fhaigh mi 'stigh 'n a chòmhail Gun mo chòmhdach mar an canach Gun ra' anam a bhith mar an daoimean Mu 'm faigh mi caoim ann am Pàras.
12. Air a ghlòir 'n uair ni mi smaointean 'S a chi mi daoine ann am Pàras 'Fhuair piantan anns gach seòrsa Cho garbh 's a thàrladh dhòmhsa Is cruaidh an t-saighead a tha' m' inntinn Nach d' rinn mi fhèin mar rinn iadsan 'S mi 'an so am prìosan ìseal Leam is tìm a bhith 'g a fhàgail.
LATHA 'BHREITHEANAIS.
1. Leaghaidh 'saogh'ls' às a chèile Latha diughltach na feirge,
Is caochlar gu èibhlean is luath.
2. 'S fhad 'o dh' innseadh 'o chèin e, Chuir an Righ dhuinn 'an cèill e, Dh' innis Sibil an sgeul so dha sluagh.
O"
3. Cha luaidhear an t-uamhas
Tràth 'tha 'm britheamh ag gluasad
'Bheir na rinn sinn fo' chnuasachadh cruaidh.
4. An trombaid gu 'n cluinnear
Anns gach uaigh 'tba 's a chruinne, H-uile cinneadh gu 'n tionail ri 'fuaim.
5. Bithidh 'chruthachd fo uamhunn Is an t-aog ann an cruaidh-chas
'S na daoine ag gluasad 'o 'n suain.
6. Is b' e sin a chuis-eagail
Do na peacaich 'bhith 'freagairt An Ti nach gabh leisgeulan bhuap'.
7. Bheir e 'n leabhar a mach 'Am beil gach ni mar a thachair
Is innsear ar crann-chur dhuinn bhuaith.
8. Is cha-n fhàgar 'an cùl ni, Cha-n 'eil seachnadh air diugh'Uas
'N uair 'shuidheas a chùirt 'tha gun truas.
9. 'De 'n aon seanchas 'ni feum dhomh? Cha n-eil tearmunn do 'n tèid mi
'S an t-ionracan fhèin ann an guais.
10. 'Righ an uamhais 's na mòrachd Gur tu fuaran na tròcaii' A shaoras gun òr do chuid sluaigh,
33
11. Cum 'n ad chuimhne do spèis dhiom, Cum 'n ad chuimhne do cheusadh, Cum mise bho 'n èiginn 'bhios buan.
12. Fhuair thu tàir' ri mo shaoradh, Dh' fhuilig bàs ann am aorabh,
'Cuirear seachad do shaothairse gun duais ?
13. O nach math thu dhomh m' fhiachan Mu 'n tig latha na diachainn,
Mu 'n caithear mi 'shìorrachd na truaigh*.
14. Tha mo chiontan 'n am làthair, 'S iad 'g am lionadh le nàire,
Gur deirge na sgàrlaid mo ghruaidh.
15. Fhuair Màiri bhuat tròcair;
Mhath thu 'n mheirleach a dhòbheairt ; 'M bi mise gun dòchas ri truas ?
16. Ged is fionnar mo chràbhadh Dian thusa rium bàigh
Is an lasair nach cnàmh cum thu bhuam.
17. Ann an àireamh do chaorach Bho na gobhair cum saor mi
'S bho 'n mhuinntir 'tha daonnan fo ghruaim.
18. Bithidh cuideachd nam briagan Air an dìteadh gu piantan,
Bi'dh lasair 'g am fiachuinn gu 'n smuais.
c
34
ig. Faigheam cuireadh le d' dhilsean 'S mi 'g am ìimhladh 's 'g am ìsleadh, *S mo chridh' air fàs mìn mar an luath.
20. 'N àm dhomh fàgail an t-saoghail Air mo nàmhaid dian mo shaoradh ;
Sgaoil sgiath do mhòr-ghaoil-se mu 'm 'chuairt,
21. Latha deurach na h-èiginn' Bho na h-èibhlibh 's mi 'g èirigh Na leugham 'n ad eudann-sa gruaim.
2 2. Thusa 'Thriath 'rinn ar ceannach Bi thu fialaidh ri m' anam, Thoir siochaint dha 'm flathas, is suain.
Amen.
LAOIDH NA H-AOISE.
I. Nochd 's mo lethcheann air mo chhiasaig, 'S mi 'nam thruaghan bochd mar tha mi, — Dh' fhàilnich mo chlaisteachd 's mo lèirsinn, Chaill mi mo dheudach 's mo chàileachd ; Mo cheann air fàs cho liath ri caoraich, 'S m' aodann air fàs preasach gnàda ; *S mi m' fhaicinn air bial na bruaiche, Aig an uaigh 's an tèid mo chàradh.
35
2. Glòir do Dhia a th' anns na flathas, 'Rinn mo ghleidheadh bho gach gàbhadh, Ged is tric a rinn mi peacadh
Rinn thu fathamas is bàigh rium. Mur biodh do thròcair thar do cheartais Bha mi bho chionn fhada caillte Ann an dòruinn fad na sìorrachd, Far nach gabh na fiachan pàidheadh.
3. Bhuihch mi laithean na h-òige Ann an ioma dòigh mhi-àraid,
Le m' smaointean, le m' bhriathran, le m'
ghriomhran, 'Bristeadh air riaghailtean d' fhàintean 'N dèigh a gheallaidh 'thug mi seachad 'N uair 'chaidh mo bhaisteadh 's mi 'm phàiste- Gu 'n cuirinn cùl ris an diabhol, Ri 'uil' iarrtuis 's ri 'àrdan.
4. 'S fheudar dhomh aideach' ga rìreamh Gur creutair mi a bha mi-thaingeil,
'N deis na fhuair mi 'ghibhtean prìseil —
Barrachd is deich mìle tàlann,
'N àite dhomh 'n tionndadh gu buannachd
'S ann a thruaiU mi iad, ge nàr e ;
Leis na thoill mi dìteadh siorruith
Mur gabh thusa, 'Chriosta, bàigh rium.
5. Bho 'n is creutair peacach bochd mi, A rinn lochdannan gun àireamh.
36
Fhad 's a bhios mi 'n tìr a chosnaidh 'Athair brosnaich mi le d' ghràsan Gu bhith 'sileadh dhiar 's ag osnaich, Fiach an cothaich mi do chàirdeas, 'S gum faigh mi, as leth ceusadh Chriosta 'Bhith gu siorruith ann ad làthair.
6. Mo Dhia is m' Atnair thu làn tròcair', Tha mi ann an dòchas làidir,
Leis cho daor 's a chaidh mo cheannach
Le fuil bheannaichte mo Shlàn'air,
Nach dian thu mo thilgeadh às d' fiiianuis
Fad na sìorrachd anns an àite
'S am bi gal is diasgan fhiacal
Gu 'bhi 'm pianadh aig mo nàmhaid.
7. 'losa, thàinig thu g* ar ceannach, Rugadh tu 'd leanabh 's an stàbuU, Dh' fhuilig thu do thimchioll-ghearradh Is fallus fala anns a ghàradh,
Chaidh do sgiùrsadh aig a' phosta, Los gun coisneadh tu dhuinn Pàras ; 'S ghiìilain thu 'chrois air do ghualain Ris an d' fhuaighte thu^le tàirnean.
8. Dh' fhàg thu dileab a tha luachor Aig gach truaghan a ni fàihnn, — Comas *' Ceangail " agus '* Fuasglaidh/ Aig na buachaillean a dh' fhàfr thu
37
Gu 'bhith 'beathachadh an treud sin, A cheannaich thu fhèin cho cràiteach Le dòrtadh d* fhala air a chrann-cheusaidh Le miad do dheidh air iad 'bhi sàbhaiit'.
o. Thog thu d' Eaglais air a' charraig Nach gabh carachadh 's nach fàilnich Fhad 's a dheàrrsas grian air thalamh Bi 'cìh i maireann anns gach àite Dh' aindeoin 's mar sheideas na siantan, 'Thig bho 'n diabhol 's bho phàirtidh. 'S faoin a bharail dhaibh gun striochd i, 'S tiisa, 'Chriosta. 'gabhail tàmh innt' I
ic. Ged a reachadhiad gu *n dùlan Sgoilearan Lùthair 's Chalbhin, Ge tric iad a' togail buairidh *G a cur suarach 's a' toirt tàir' dhi, Na cìiirt iuchraichean a fhuair i Cha toirear bhuaipe gu bràth iad Gus an cuir i 'n t-aon mu dheireadh Dhe cuid cloinne suas ììu Pàras,
^4
LAOIDH C: _ {Ràm\
Xi - *
5- Mn 'n c-z;
Snnii- 1=1
\9i^
%m • -
'. . T
«^ A *
^ ^ « -• «
- ■'m^.
^K
#
39
4. Co-luath 's a labhair an t-Ard-Righ Mhùth an t-aran a nàdar '3 fior-fheoil Chriost' dh' fhan 'na àite : Mhìith 'm fion gu 'fhuil anns a Chàihs : 'S ged nach lèir dhuinn mar 'tha sud, Nach aithnich sùil, blas, no làmh e, 'N creideamh 's dual thighinn le claismeachd 'S còir èisdeachd.
Aoradh thugamaid 's ùmhlachd Do Dhia 's an diomhaireachd ùiseil ; Teicheadh samhluidhean lìidhach Romh fhìrinn 's tairbh' an lagh ùir : Is bho 'n shoillsich creideamh ar sùilean Gu nithean diomhair a thursainn Aoradh thug-te le mùirn do
Mhac Dè leinn.
Do dh' Athair glòrmhor na diadhachd, Do 'n Mhac a cho-aois 's an t-siorrachd, 'S do 'n Spiorad, tobar na fialachd, 'Bheir solus, r.eart duinn agus siochaint,- Do 'n aon Dia mòr 'tha 'n a Thrianaid Biodh aoradh is urram gu siorruith, Chù nan Aingeal 's nan Criostuidh, Gu lèir dha.
' ^Vn.vv5<
•f :• .'
\ V H ^
^ ^ "k %
• » * . -' ;* .* *
♦- *♦ V ,• .♦ c? :. ;.
38
LAOIDH CHUIRP-CHRIOSTA, (Bho '« Laidinn).
1. A chuilm rioghail 's an d'fhàgadh Fior chorp prìseil mo Shlàn'ir
'S an Fhuil fhior-ghlan a thàrmuich 'N ad chuisleansa, 'Mhàiri, A dhòirt 'an èirig siol Adhamh Bho na creuchd-lotan cràiteach — Sud an diomhaireachd àghor A sheinn mi.
2. Air a chòmhdach le iasad
De dh-fhuil na h-Oigh' 'bha gun ghiomh innt' Bu shàr Fhear-teagaisg dhuinn Criosta Le 'chaomh ghiùlan 's le 'bhriathran ; 'S 'an àm dha togail gu triall 'uainn 'An ceann tri deichean 's tri bUadhna Dhearbh e 'ghaol le mòr mhiarailt Na fèile.
3. Mu 'n chuihn dheireannaich chianail Shuidh am buidheann 'bu mhiann leis^ Chum e 'Chàisg le gach riaghailt Agus beolaint 'dh' iarr Maois,
'S 'an lorg nam faileasan diomhair Nach fàgadh anmannan riaraicht' Thug e seachad *n a fhialachd
E fhèin dhuinn.
39
Co-luath 's a labhair an t-Ard-Righ Mhìith an t-aran a nàdar 'S fior-fheoil Chriost' dh' fhan 'na àite : Mhùth 'm fion gu 'fhuil anns a Cbàihs : 'S ged nach lèir dhuinn mar 'tha sud, Nach aithnich sùil, blas, no làmh e, ^ 'N creideamh 's dual thighinn le claismeachd 'S còir èisdeachd.
Aoradh thugamaid 's ùmhlachd^ Do Dhia 's an diomhaireachd ùiseil ; Teicheadh samhluidhean lùdhach Romh fhìrinn 's tairbh' an lagh ùir : Is bho 'n shoillsich creideamh ar sùilean Gq nithean diomhair a thursainn Aoradh thug-te le mùirn do
Mhac Dè leinn.
6 Do dh' Athair glòrmhor na diadhachd, * Do 'n Mhac a cho-aois 's an t-siorrachd, 'S do 'n Spiorad, tobar na fialachd, 'Bheir solus, r.eart duinn agus siochamt,- Do 'n aon Dia mòr 'tha 'n a Thrianaid Biodh aoradh is urram gu siorruith, Cliù nan Aingeal 's nan Criostuidh, Gu lèir dha.
40
O, 'S MOR A GHAOL !
Tha 'h-aon ann thar chàich uile,
O 's mòr a ghaol ! Gaol bràthair cha-n 'eil coimeas,
O 's mor a ghaol ! Ni ar càirdean gràidh ar treigsinn, Sòlas 'n a àm*is bròn 'n a dheigh sin, An caraid dìleas so cha gheill e,
O 's mòr a ghaol !
Fhuair sinn caraid ann an losa,
O 's mòr a ghaol ! 'Bhith 'g ar beannachadh is miann leis,
O 's mòr a ghaol ! Cheannaich e sinn le 'fhuil phrìseil, Air ar son-ne rinn e ìobairt, 'S thug e 'stigh sinn 'chrò na fìrinn',
O 's mòr a ghaol !
Dh' fhosgail e an t-shgh' do nèamh,
O 's mòr a ghaol ! Dh' fhàg e 'fhuil dhuinn agus 'fheòil,
O 's mòr a ghaol ! Bhuihch e gach mathas oirnn, A chaoidh cha leig e beud 'n ar comhair, 'S ni e iìil dhuinn dha ghlòir.
O 's mòr a ghaol !
41
ANNSACHD NAOMH MOIRE.
1. Fhir-tighe Naomh Moire, 's oid-altrum a Mic ! Tha 'saoghal mar f hàsach do dh' ànrach fann, sgith ; Fo chiaradh nan speuran cha lèir le mo shìiil, Ach, annsachd Naomh Moire, na cuir-sa rium cùl, O, annsachd Naomh Moire, 's tu 'thaghainn mar iìil !
2. 'S tu dhiongas dha 'n choigreach cùl-taice 's ceann
aoidh ; Fhuair los' agus Moire sàr chobhair fo d' iìil ; O, loseph nam beannachd ! cha b' eagal domh
'chaoidh, O, annsachd Naomh Moire, ach thusa ri m* thaobh, O, annsachd Naomh Moire, na treigse mi 'chaoidh !
3. O, loseph 'fhuair gibhtean is earras is cliìi, Mac-samhuil air thalamh do dh' athair Mhic Dhè, Bha losa mar Mhac dhuit ; gabh mis' air do sgà', O, annsachd Naomh Moire, mar dhalta 'n a àit',
O, annsachd Naomh Moire, mar dhalt duit gu bràch !
4. Bha dà àilleagan nèamh air faontraigh 'n ar measg, Rinn thusa cùl taice dha 'n Mhaighdinn 's dha Mac ; Sheas thu athair do dh-Iosa ; bith d' athair dhomh
'chaoidh, O, annsachd Naomh Moire, 's bheir mise dhuit gaol, O, annsachd Naomh Moire 's cha teirig mo ghaol !
42
THU RIAMH GUN SMAL.
1. A Mhoire ! 's èibhinn m' fhonn 's gur eutrom, Lion aiteas clann Dè mi 'n diugh ;
Fhuair m' anam braon do dh-aighear Phàras B' e 'n sàr àileas a bhi 'tàmh ann tur !
Fonn — An àm 'bhi 'cuimhneachadh air do staid, Air do mhòrachd 's air do mhais, 'S èibhinn Hnn 'bhi 'seinn gun stad, Thu riamh gun smal, thu riamh gun smal \
2. 'S miann-sùil le losa do chruth ro ghlan T' aghaidh ghlòrmhor a's àiUidh aoidh —
'S fo iùl-s' chaidh ur-laoidh an diugh 's gach àite Le foirm fos n-àird ort 's an Eaglais naoimh.
3. Togaidh ainglean binne, ceòlmhor, Suas fonn òrain a chinnidh-dhaonn',
'S thig naoimh Nèamh 'n an ioma còmhlan 'Thoirt cis mar 's còir do Bhanrigh nan Naomh.
4. Do ghin gun smal ! Rinn Dia riut gràs Nach d' fhuair fo' laimhs' mhàin ach thu ; Gràs a bhoisgeas a chaoidh mar dhaoimean Air uchd saibhir Righ-nan-dùl.
43
COBHAIR NAN DEORAIDH.
1. Mar tha solus nan rionnag gun fhuaim
A' tuiteam air uaigneachd na h-oidhche, Mar a sgaoileas an dealt air an fhiar
'S a ghealach gun nial thar a soillse, 'N uair is duirche oidhche ar bròin
Nochdadh an Oigh dhuinn a caoimhneas.
2. Do 'n ùrnaigh a nithear le dichioll
Thig freagairtean cinnteach bho 'r Màthair Tlachdor mar bholtrach nan dìthein
A chinneas cho grinn air an àilein, No mar dheò nan tùisean a's prìseil'
A 'sgaoileadh 'n an mìn-cheo 's an fhàsach,
3. Tha 'gràsan mar dhuiUeach nan crannabh —
Cha-n 'eil aithne na dòigh air an àireamh ; Mar tha fàileadh an dìthem 'am falach
'S ann tha ioc-shlaintean ar Màthar, 'S ùrail mar thlà-ghaoth na mar' iad
'S ar misneach 's ar fallain' 'g ar fàgail.
44
LAOIDH 'SPIORAID NAOIMH. (Veni Creator).
1. O thig a nuas, a Spiorad Naoimh, A sbealltuinn anmannan do ghaoil, Is hon ar crìdh' le d' ghràsan caomh, A Chriithadair a' chinne-daond'.
2. 'S tu ar Comh-f hurtair 's gach càs, 'S tu gibht ro-naomh an Dè a's àird',
'S tu 'm fuaran beò, an teine, 'n gràdh, Is ùngaid spioradail an àigh.
3. Tha do thiodlaicean seachd-fìllt',
Miar deas-lamh Dhè, thu 'thriath gach nì, 'S tu gealladh 'n Athar naoimh le cinnt'. Bhuat-sa thig deas-labhairt cinn.
4. O las le d' sholus ar ceud-fàith,
Is taom a nuas 'n ar cridh' do ghràdh,
Cum ri 'r nàdur lag do làmh,
Is thoir dhuinn neart, is feart, is càil.
5. Ar nàimhdean fuadaich fada bhuainn, Is builich oirnn do shìth gu buan,
Bi ad iìil dhuinn fad ar cuairt,
'S gun seachainn sinn gach beud is truaigh'.
45
6. Deònaich dhuinne eòlas fior Air an Athair is air Criost', 'S annad fhèin 'tha bhuap' ad Dhia Creideamaid a nis 's gu sior.
6. Glòir gu 'n robh gu sior gun tàmh Do 'n Athair, is do Mhac a ghràidh, A rinn an aiseirigh bho 'n bhàs, Is dhuts', a Chomh-fhuriair nan gràs.
LAOIDH CHUIRP-CHRIOST. (Bho 'n Laidinn).
1. 'Theanga, seinn le caithrim cheòl-bhinn
Diomhaireachd Corp glòrmhor Chriost', Agus 'Fhala prìseil, mòrail, —
'N èiric chorr a dhiol ar fiach, Toradh cuim ro-naoimh na h-Oighe,
'Dhòirt àrd-rìgh gach slòigh gu fial.
2. Dhuinne thugadh, dhuinne rugadh,
Leis an Oigh nach d' fhuiHg beud ; Bhos air talamh labhair 's thuinich,
Sgaoil is chuir e facal Dè ; 'N dòigh 'na chrioch e cuairt a thurais,
'S ioghnadh dhuinne 's do chùirt nèamh.
46
3- Aig an t-suipeir, oidhch' a' Phàise,
Shuidh le 'bhràithrean sios gu biadh, 'S choimhHon e an lagh gun fhàiUinn
'S na deas-ghnàthan 'dh'-ordaich Dia ; 'S thug e 'Chorp— 's e beò 'n an làthair — As a làimh do 'n dà fhear dhiag.
4. Le cumhachd 'fhacail naoimh tha Criosta
'Tionndadh arain fhior gu 'Fheòil, 'S a tionndadh fiona gu 'Fhuil dhiadhaidh —
Ged nach tùr sinn 'mhiorailt mhòr, Foghnaidh creideamh dhuinn mar fhianuis,
Biodh an cridhe dian gun ghò.
5. 'Shàcramaid, tha sinn le ùmhlachd,
'Toirt dhut aoraidh, cHìi is glòir ; Riochd an t-seann-lagh chuireadh cìil ris,
'S an Lagh-ùr tha 'n f hior-bheachd chòrr ; Ged nach tuigear le 'r ceud-fàthan,
Creideamh cha dian fàillinn òirnn.
6. Glòir do 'n Athair, 's glòir do 'n Mhac,
'S glòir co-cheart do 'n Spiorad Naomh — Chìi is aighir, onoir 's neart,
Slàinte 's beannachadh a chaoidh — Trianaid chumhachdach nam feart
Molamaid mu seach 's mar aon.
Amen.
47
CIAD-FAILT', A SHACRAMAID NAM BUADH. (O Salutaris).
1. Ciad-fàilt, a Shàcramaid nam buadh,
A dh' fhosgail dorus nèamh do 'n t-sluagh ; Tha sinn' 'g ar claoidh a' cath ri 'r nàmh, Thoir neart dhuinn, furtaich òirnn 'n ar càs.
2. Sior-ghlòir do Dhia 'n a Thriùir 's 'n a Aon, An t-Athair, am Mac, 's an Spiorad Naomh. O deònaich dhuinne 'bheatha shior
'An sòlas nèamh fad shaogh'l gun chrioch.
Amen.
MOIRE AN DU-BHROIN.
I. Bu trom a bròn, Bu ghoirt a leòn, Bu dlìi na deòir Bho shìiil na h-òigh', 'S a Sàr-Mhac òg 'S an dòruinn mhòir, 'G a cheusadh beò
'S i 'g amharc air.
48
2. Co chuala no chunna Measg mnatha na cruinne, Tè eile 'dh' fhuiHg
Do chruadal-sa, 'Mhuire ! Co è a b' urra Gun ghuth dubhach 'S gun shùil struthach Aithris air?
3. Bha 'cridhe air a leòn Le claidheamh a bhròin, B' ìir acaid dhi 'm beò
Gach cneadh 'bha 'n a fheòils', 'S e bho 'chridhe gu 'dhòrn, Bho 'mhullach gu 'bhròig, Gun eang, gun òirleach Fallain dheth.
4. 'S e 'mhiadaich a cràdh 'S a theannaich a spàirn, Gur e 's ceann-fàth Dha osnaich 's dha phàis 'S dha lotan bàis,
Am peacadh gun àgh A rinneadh le càirdean Aineolach.
5. A mhìn Mhoir-Oigh !
A bhanrigh 'n du-bhròin !
49
■ Le Magdalen 's Eòin, Thoir cead seasamh dhòmhs' Bho 'n 's ro-mhath mo chòir-s' 'Dhol fo d' mhulad 's fo d' leòn, 'S a shileadh nan deòir Air Calbhairi.
6. 'S gach troidh 's gach deàrna 'S mi 'chuir àlach ;
Mo pheacadh bàis-se An t-sleagh a ràinig Cridhe mo Shlàn'ir, 'S mise a shàth i — Fàth mo nàire
'S m' aithreachais !
7. An crochadh ri craoibh Tha cuspair mo ghaoil,
A chridhe fosgailt' le faoilt, 'S a ghàirdeanan sgaoilt' Gu m' f halach 'n a thaobh ; Sud ceann-uidh nan naomh, Tearmunn 's dachaidh an taobh-sa 'Fhlathanas.
8. Crann-ceusaidh mo ghràidh, Sud leabhar an àigh
As an ionnsuichear cràbh, Umhlachd gu làr,
D
50
Umhailteachd gu bàs, Olc a mhathadh do chàch, 'S priomh-shubhailc a ghràidh Sior-mhaireannaich.
9. Bho 'lotan bàis Leum fuarain ghràs, Nach traogh 's nach tràigh A chaoidh nan tràth — A Mhoire mo ghràidh ! Dian riumsa bàigh, 'S cha ruith iad gun stà Dha m' anam-sa.
10. A Mhàthair, riamh A fhuair na dh' iarr, Air t' aon-ghin los' Guidh agus grios, Gu math e ar fiach, 'S gu leasaich ar gniomh, 'S gu meal sinn gu siorruidh Flathanas.
5^
A'CHARRANTACHD.
1. Tha 'charrantachd càirdeil,
Tha i bàigheil ri gach neach, Bheir i mathanas dha 'r nàimhdean^
'S cha 'n iarr i 'chall no 'chreach. Bheir i biadh do 'n fheumach,
Bheir i èideadh do 'n nochd, 'S thèid i 'choimhead air na tinn,
'S thèid i thiodhlacadh nan corp.
2. Tha 'charrantachd ceutach,
Tha i èifeachdach le Dia, Cha 'n innis i na breugan,
'S cha tog i eud 's an tìr : Tha 'charrantachd luachor ;
Cha d' thoir i fuath do neach. Cha dian i trod no tuasaid,
'S cha 'n e bualadh 'bhios i 'cleachd.
3. Bha 'charrantachd an losa
Tra thàinig e nios 'n ar measg 'S a dh' fhuilig e pàis agus bàs
Gu 'r sàbhaladh bho sgrios. 'S ged bhiodh tu air do ghlùinean
Ri ùrnaigh, traisg is dèirc, Mar 'eil a' charrantachd unnad
Is fuaim thu gun fheum.
52
Ged a thogadh tu tigh geal
Le aol is clach 's gach seud Mar cuir thu dion air a mhuUach,
Cha-n 'eil ann ach tigh gun fheum ; Tha 'charrantachd 'cur dion
Air ar gniomhannan gu lèir 'S mar 'eil a* charrantachd unnad
Cha-n 'eil unnad ach tigh gun stèidh.
AM PEARS'-ANMANNA.
Criosta 'nochd, 'Athair nam bochd, 'Cheusadh gu goirt Fo bhinn gach olc, Dion an nochd bho lùdas mi, A Huthad lochd, A rinn mo chorp,
Nach urrainn dhomh nochd a chuimhneachadh. A Dhia na Fala fìrinnich
Na dìobair mi bho d' mhuinntireachd Cuir Mìcheil geal a chòmhail m' anmanna An nochd agus gu siorruith.
Amen.
53
LAOIDH SPIORADAIL.
1. Gur muladach a tha mi
'S mi ri àireamh sios mo lochd ; Cha-n urrainn mi 'g a àicheadh Nach 'eil fàilHnn ann am chorp ; Ge d' fhuair mi 'n creideamh gràsor Chum mo shàbhaladh bho 'n olc, 'S e dòchas agus gràdh A bheireadh slàinte do mo lot.
2. 'S e creideamh an ciad iarrtas 'Tha riatanach 'thoirt duinn, A thogas dhinn na fiachan
A bha riamh oirnn bho thìis. Ar leam gur mòr na miarailtean 'Rinn Criosta 's an lagh ùr Nuair nitear clann do Dhia dhinn Leis na briathran 's leis a' bhùrn.
3. Tha dòchas air a dheigh sin — Gniomh a dh-fheumas a bhith ann, 'Toirt misnich do na creutairean Los nach gèill iad anns gach àm. Ma thuiteas sinn 's an eucoir Feumar èirigh aisd 'air ball
Le aithreachas 's le èisdeachd 'Dianamh rèit' air son a chall.
54
4- Tha gràdh 'n a shnbhailc phrìseil : — Bha air inn?e dhuinn bho chian Mar ghlèidh am fàidh fìrinneach Le dìchioll air an t-sHabh, Le traisg agus le ùrnaigh Fhuair e 'n cùmhnant sin bho Dhia- An lagh air clàr nach dìobair Mar a sgrìobh E fhèin le 'mhiar.
5. 'S e gaol do Dhia 's d' ar nàbuidh Suim nam fàintean sin gu lèir ; Ma ghlèidheas sinn na dhà sin Cumar càch leinn air an rèir : — Na reachdan sin cho cruaidh oirnn Air son ar buannachd fhèin,
'S gun aithnichear am buadhannan 'N ar gluasad anns gach ceum.
6. Feumaidh sinn na reachdan sin A chleachdadh anns gach càs,
Is bheir iad oirnn gun seachainn sin Na seachd chinn-pheacaidh bhàis : Tha struthain dhiubh gu Honor *G ar dian-ruith anns gach àit' Ag èirigh suas 'n ar togradh Bho na tobraichean 'iha làn.
7. Tha peacadh tròm an uabhair 'N a rud uamhasach ann fhein,
55
A chuireas oiUt 's gach uair orm
'N uair a smuainicheas mi e :
'S i 'chiont anns an robh Lucifer
*N uair a sgiìirsadh e gu pèin,
'S a thilgeadh do 'n toll thruaiUidh e
Gun iochd gun truas mu 'dhèighinn.
8. B' aingeal àrd air nèamh e
'S thug e greis 'an èibhneas shuas, Is deòmhan dubh an dràsd' e, Slabhruidh phràisich air gu cruaidh, Bho 'n dhiteadh leis an Ard-Righ e Gur daor a phàigh e 'dhuais, Gur cunnart mòr do chàch e 'S e 'n a nàmhaid aig an t-sluagh.
9. Nach smaoinich sibh a Chriostuidhean Mar 'dh' fhiachadh ris 's an àm,
Mar dh' ìslich ceartas Dhia e
Dh-ionnsuidh pèin gun chrioch gun cheann,
E fhèin agus a rèiseamaid
Le chèile 'sgiùrsadh ann,
Na lasraichean gu dian-loisgeach
Romh 'shròin 's romh 'bhial 'n an steall.
10. Tha 'n sannt 'n a dhubhailc honor 'S e air siolachadh 'n ar measg, — Ar cridheachan a' miannachadh Air sgitheach giar nan dris.
56
Eadar reachd an lompaire
'S an neach a's isle meas
Tha pàirt dheth ann ma dh-innsear e
Fos n-iosal no le fios.
11. 'S e gaol an òir 's an airgid Còmhdach dearbhte air an t-sannt. Bithidh daonnan murt is marbhadh Air an ainmeachadh 'n a gheall. Bithidh slaoightearachd is ccalgaireachd Mu bhargannan ar cainnt,
Is mòran de dhroch innleachdan 'G a sgriobhadh leis a' pheann.
12. Ge d' gheibheadh sinn de stòras Na tha 'dh-òr 'am meinn nan creag, Cha riaraicheadh e còmhla sinn Na 's mò na ni rud beag ;
Cha-n 'eil feum 's a chothrom sin Ach dolaidh agus bleid ; 'S e 'dh-fhàgadh saibhir sona sinn 'Bhith toihchte le 'r staid.
13. Nach sgreataidh staid na neoghlaine Ann an seòmraichean an uilc ;
Na soithichean a dh' òrduicheadh 'Bhith glan mar òr gun dus, 'Nuair nìtear iad 'n an gràineileachd Na 's tràilleile n' a mhuc
57
Fo chuibhrich aig an aibhistear
'G an tàladh dh' ionnsuidh 'n t-sluic.
14. Tha 'm peacadh sin cho biastail Bho 'n chiad là gus an diugh,
'S gun 'ghearradh às gu Honor iad 'An dianadas an cluich : Ceann-aobhair sgrios an t-saoghail 'Nuair a thaom a nuas an tuil : 'S a chaiUeadh sluaigh an talmhuinn Eadar anmannan is chuirp.
15. Mo chomhairle do 'n òigridh lad a thòiseachadh às ùr, Fuath 'thoirt d' an gòraiche
'S an dò-bheairt 'chur air chìil, An teine beag 'lha laist' unnta 'Chur às mu 'n dian e smùid : 'S ann 'dh-fheumas iad a sheachnacih 'S nach 'eil peacadh ann a's mò.
16. Tha 'gheòcaireachd 'n a h-eallach Air an fhear dha 'n airidh 'n t-ainm, Is tàmailteach an alla
'Bhios ri aithris air a lorg,
Bheir iad strian dha 'n coluinnean
Mar choin a bhios air cairbh: —
Aoradh 'tha mi-shona
'Bhith 'toirt toileachadh dha 'm bolg.
58
ly. Tha'n craos 'n a aobhar cianalais Do 'n dream 'tha honor ris, 'Bhith 'g òl na tha mi-riatanach, A' call an ciall gun fhios. Na 's mios' na brìiid an òtraich Do na dh' òrduicheadh 'bhith 'dhith. 'S e 'n craos agus a' gheòcaireachd An còrr de bhiadh no dhibh.
i8. 'Sfhada bho na chuala sinn Co bhuaithe 'chinn an fhearg, Aimhreit agus tuasaid Agus bualadh cruaidh nan arm. Am fear a bhios an uachdar dhiubh 'S e 'choisneas buaidh is ainm, Biihidh moit air agus gàirdeachas Ma dh' fhàsj e 'nàbuidh marbh.
1 9. Ch'a-n aobhar moit no gàirdeachais Do bhràthair fhàgail ciùrrt'
Gun fhios mu 'n tig am màireach Nach caiU an làmh a lìis. Ged bhitheadh e cho làidir 'S a bha Samson 'n àirde 'chhù Cha treasa romh na bhàs e Na bhiodh pàisde bàth gun tùr.
20. 'Se miar de 'n chaothach iarguinneach Gun chiall a tha 's an fheirg,
59
An fhuil a' goil mar fhiabhrus A' sior-mhiadachadh a beirm : Na theirear leis a mhiothlachd sin Gur briagan agus ceilg : Cha-n èisdear facal riaghailteach Gus an siothlaidh e gu soirbh.
2 1. Tha 'm farmad air a clironachadh, Gur dona an ti nach creid, Tharmuich e bho 'n donas — Mac nam molluchd 'rinn a' bhleid : Is tràth a ghabh e 'n cothrom Air a' chomunn 'bha cho beag, An ciad bhràthair 'bha onarach Gun 'ghonadh e gun chead.
2 2. Bha 'fhuil ag èigheach diìigbaltais Gu dlùth am measg nan nial, Am murtair fhèin fo chùram Is e 'call a lùis le fiamh Ag iarraidh àite falaich 'An dùil nach amaiseadh e Dia ; Cha do smaoinich e air aithreachas Ach aithris nam fior bhriag.
23. Tha mòran sluaigh fo cheannsachadh Air slabhruidh aig an leisg, Nach oibrich tùs an tsamhraidh Ann an àm an lùis 's an treis',
6o
Cha-n 'eil iad 'gabhail sàmhlaidh De sheangain chàm nam preas — 'N uair thig fuachd a' gheamhraidh Cha tig ganntar orra 'feasd'.
24. Tha 'n t-àm agaibh 'bhith dìchiollach Gun dad dhe 'r tim a chall
A' saothrachadh gu dìleas
Chum na crìch' dha 'm beil ur geall :
Ar dianadas 'g a sgrìobhadh
Anns an rìoghachd a tha thall,
Ar gniomhannan 's ar smaointeannan
'S gach facal faoin dhe 'r cainnt.
25. Ma tha sibh fhathasd dìomhanach Gur tìm dhuibh tighinn gu feum, Saighdearachd a dhianamh
Anns a' chogadh dhian nach trèig'. A' gleac ris na trì rìghrean 'Tha 'g ur cìosnachadh le streup An saoghal is an t-aibhistear 'S anamiannan gnànnd' ur creubh.
26. A chraobh nach tilg a blàth dhith Cha ghlèidli gàirneilear 'n a lios, Is gearrar às an làraich i
Bho na dh' fhàiHnnich a meas. Tilgear anns an ùrnais i Le diùghaltas gun iochd
6i
Gus an dianar gual dhith Ann an lasair bhuan an sgrios.
27. Is cruaidh an sgeul 'th' air innse dhuinn, Gu cinnteach 's fìrinn e,
Mu 'n t-sluagh a thèid a dhìteadh
Gu sìorruchd bhuan na pèin';
Mar chruinnicheas na buanaichean
Am bàrr 'n a sguaban rèidh
Bithidh àireamh beag nan Criostuidhnean
Mar dhiasan às an dèigh.
28. Tha sòlas anns na flathas
A' bhith 'n làthair cathair Dhè ;
Cha do thomhais aon neach fhathasd e
'Tha 'labhairt às a bheul :
Cha-n fhaca sìiil 's cha chuala cluais,
'S cha do smaointich neach fo 'n ghrèin
A mhiad 's a th' aig ar Slànuighear
Mu mhuinntir ghràdhach fhèin.
29. Tha buaidhean an Dia fhiughantaich Gun tùs, gun chrioch, gun cheann;
Gur lèir dhomh air gach taobh dhomh iad Ged bhitheadh mo shùilean dàll. Tha *ghniomhannan mar leabhar 'Bhiodh mu 'm chomhair ann am làimh, 'S ged 'thionndainn mìle duilleag Chi mi tuilleadh 's an taobh thall.
62
NA FAINTEAN.
'S e deich a's àireamh Do na fàintean 'Sgriobhadh air clàraibh Le Dia nan gràsan 'S a thugadh do Mhaois anns an fhàsach.
j . Aoradh thoir do dh-aon Dia eudmhor.
2. Na gabh 'ainm an uair nach fheudar.
3. Cum an Dòmhnach 's gach là' fèiUe.
4. Striochd dha d' pbàrantan 's ihoir spèis dhaibh.
5. Na dian marbhadh na peacadh feirge,
6. Smaoin, no briathar, no gniomh mi-bheusach.
7. Na dian goid, na braid, no meirle.
8. Faic nach tog thu fianuis bhrèige.
9. Na miannaich bho fhear eile 'chèile, 10. Na sanntaich dhut a thigh no 'fheudail.
SMAOINTEAN AIR A' BHAS.
I. Mo Dhia, mo Chruthadair, 's mo Shlan'ear, Eisd le iochd is bàigh n m' ùrnaigh, Is buihch orm do ghr.isan slàinteil, 'G uair a' bhàis a thoirt fo m' shìiilean ;
63
A chum 's gun tuig mi miad a ghàbhaidh, Is a chràidh, a bhios 'g am chiùrradh. 'N uair nach bi mo dhùil ri slàinte, Ach mo charadh fo na bùird fhuar !
2. O 's tur neo-chinnteach dhònihs' an t-àm sin Anns an tig am bàs (gun m' fhaighneachd) 'N ann aig mo dhachaidh fhèin ? no c' àite ? 'N ann 's an là? no anns an oidhche ?
Am bith e sgiorrail dhomh? no nadarr'? Neo am faigh mi dàii gu m' fhaoisid ? Cha-n fhios domh cuin no dè *n t-àite, Ach gun tig e 'n trà nach sacil mi.
3. Ochòin gu dè a dh' èireadh dhòmhsa [Agus cleoc a' Pheacaidh-Bhàis orm]
Nan reachadh fios 'chur thun a' Mhòid orm, Mar chaidh oigridh cho math slàini' rium ? Och ! bhi'nn 'g am riasladh ann an dòruinn Shiorruith Ifrinn, comhl' ri Sàtan ! Ach taing do Dhia airson a thròcair, Cliìi is glòir Dha, chuir e dàil ann.
4. Ged tha mi 'creidsinn anns an fhìrinn
'S ann tha m' inntinn bhaoth aig siochaint, Ceart mar gu 'm bithinn uile chinnteach As an tim 's an tig a chrìoch orm ; Is mar gu 'm biodh mo chor'chean sgribhte Air ard-Righeachd 's am beil Criosta
64
'Fiachainn glòir' dha chàirdean dìleas, Nach do dhrìiigh air inntinn Criostaidh ?
Tha, 'nis, mi 'faicinn mo chaomh chàirdean, ('S iad gu cràiteach, truagh mu 'm dheighinn) A' sileadh dhiar is iad ag ràdhainn — Och ! *s e 'm bàs e ! chaoidh cha-n èirich ! Is fheudar fios a chur, gun dàil, air Fear mo ghraidh, an t-Athair-Eisdeachd, Los gu 'm taigh e 'n Ola-bhàis gu Shghe Phàrais a' bhi rèidh dha.
'&'
6. Ach theagamh nach bith 'n gaol an Sagart Anns a' bhaile aig an uair sin ;
Theid fios a rithist air, le cabhaig, E gu grad a thigh'n g* am fhuasgladh, Ma dh-f haoidt' nuair thig nach bith agam Purp, no aithne, is nach luaidh mi — A Dhia, dian tròcair nis air m' anam, Is na d' asgail faigheam suaibhneas.
7. 'S gu dè bharail a bhios agam Air gach aimideachd is gòraich ? Is air gach cridhealas is aighir,
'S an robh baileach m' uile shòlais ?
Is dorra 'nis iad na mo ghalair
'Fàgail m' aigne tur neo-stòlda,
A thaobh gun 'chuir mi cìil (mo mhasladh)
Ri guth Athair naomh na glòire !
65
8. 'S ann tha 'm furban truagh air m* inntinn, Nach gabh ìnnse 'chaoidh le briathran — Tha ifrinn fosgaihe gu h-iseal
'S deomhain mhilUeach dhubh 'g am iathadh
Is iad a' cograich, " tha thu dìte —
Sò an uair 's na dhiobair Dia thu,
A chionn nach robh thu dhasan dìleas
'S e do bhinn a' bhi 'g ad phianadh."
9. Ach 's ann tha m' aingeil rium ag 'ràdhainn, Na toir cluas do Shàtan briagach,
Ach cuimhnich fulangas do Shlàn-fhear, Leis na phàigheadh do chuid fhiachan, Is air a' bhòid 'thug Dia nach b' àiU leis Bàs a' pheacaich, ghràineil, iargalt, Ach tilleadh ris 's gu 'm biodh e sàbhailt, Ann an àros nèamh gu siorruith !
10. A Thrianaid shiorruith naomh na mòrachd Dian-sa tròcair orm 's an àm sin, A mhàthair Dhia, 'bha riamh a 'd Oigh, Cuir air fògradh bhuam mo nàmhaid, Is gleidh dhomh misneach agus dòchas, As an Fhuil a dhòirt mo Shlàn-fhear 'S an deis mo sheasamh aig a mhod, O, Thoir mi leat do Shòlas Phàrais.
66
AN T-AINGEAL COIMHIDEACH.
'Aingeal naoimh 'chaidh 'chur a nuas
A Aros suaibhneach glòrmhor Dhè,
Gus mo theasraiginn 's gach uair,
Bho ghà 'dh, bho thruaighe, is bho bheud,
Stiùir mo thriall air sHghe 'n Uain,
'S na treig mi m' buaireadh no 'n teinn
Ach air do m' Chorp an deo thoirt suas
Thoir mi le buaidh do Righeachd Nèamh.
NAOMH lOSEPH.
1. A Naoimh loseph, 'Oide-Chriosta, Gabh-sa cùram dhiom is dion mi, Is mi 'n innis dhorch' nan diar so, 'Measg mo naimhdean, guineach, lionor.
2. 'S tric 'bha losa Criost, mo Shlan-fhear,
Ann ad uchd le mùirn 'ga thàladh ; 'S cha do dhiùlt E riamh dhut fàbhar Rè a chuairt 'an gleann-a-Bhais sa.
3. 'S cia-mar ghcibh thu bhuaithe 'n euradh, 'Nis 's E 'n uchd an Athair Nèamhaidh, Ann an Righeachd shiorruith 'n èibhneis Agus tusa, 'luaidh a' bhi fo sgeith-sa.
6?
4- Air an aobhar sin, na diobair, Mise, 'm peacach suarach, diblidh, Seas aig uair mo bhàis mi dìleas Los nach faigh mo naimhdean cìs diom.
5. Taing is moladh, cliìi is gloir do
Dhia nan dìil, an iochd, 's na mòrachd, 'Chionn gun d' roghnaich E thus' loseph, Gus na peacaich thruagh a chòmhnadh.
NAOMH EOIN.
I. O Ostail àghoir,
'Fhuair de dh-fhàbhar, 'Bhi 'gad thàladh
Dlii ri. Uchd sonais, àluinn, Naomh an t-Slàn-fhear,
('N oidhch' ro 'bhàs) Gu mìiirneach. 'S a chuir fo d' dhion A Mhàthair dhiadhaidh Le ro-mhiad
A rìiin ort. O 's tu, a luaidh, A ghaoil an Uain, Mo dhion ri uair Mo thùrsa.
68
Tha m' aigne 'g èiridh Le mòr èibhneas, 'S mi gun èis
Gun phràmh orm, Is gràdh 'g am theumadh Gu bhi rèidh ri Dia, 's a' chèin-thir-s'
Fhàgail — An uair a smaoinicheas Mi an Naomh sin 'Bha cho caomh
I.e m' Shlàn-fhear, A' bhi 'gam dhion 'S gach gàbhadh, 's diachainn, Buaireadh, iarguin, 'S ànradh.
^. Tha thù 'an sòlas, Osiail-Oigh, 'N làth'r na mòrachd
Siorruith ; Seadh anns a chòisir Nèamhaidh, cheòlbhinn, 'Seinn sior ghlòir
Do 'n Trianaid Le caithream bhinn A leaghadh cridh' Gach neach 'tha 'n lir Nan diar so.
0-
69
Is tu mar reul A baoisgeadh èibhneas, Shuas fo sgèith naoimh Chriosta.
Ach 'm mìle trian
Dhe d' bhuaidhean fiachail
'BhuiHch Dia
Gu saor ort, A chaoidh nan cian, Tha e do-dhiante Inns' le briathran
Daonda, " Cha n fhaca sùil Air crìdh cha d' dhrìiigh Cha bhreithnich tùr —
Cha smaoinich, 'S cha cbuala cluas A' ghlòir do-luaidh, A th 'aig an t-sluagh
Tlìa 'n aoibhneas.
Nis', Eoin, bho n' tha thu 'N inbh cho àrd 'an Risjheachd Phàrais
Shuaibhnich ; 'S nach diìilt an Slànfhear Dhut aon fhàbhar
70
Glèidh fo làimh-s'
Bho thruaigh mi ;
'S mi 'n am chreutair
DibUdh, feumach,
Peacach, creuchdach, Suarach,
'An gleann a bhròin-so
Cian air fogradh,
'S mo luchd toir
'G am ruagadh.
6. O taing gu siorruith, 'S cHu do 'n Trianaid Thaobh gach tiodhlac
Aghar, A fhuair nii riamh Bho d' mhathas fialaidh Ged nach b' fhiach mi
Fàbhar ; Nis' bho n 's e Naomh sin- D' annsachd ghaolach Anns an t-saogh'l-s'
Mo phàtran, O gleidh dhomh 'n solas Mi 'bhi còmhl' ris 'Seinn do ghloir
Am Pàras.
71
LAOIDH DO 'N OIGH MHOIRE.
1. A Bhànrigh ghlòrmhor,
'Tha 'còmhnuidh shuas, Cha-n 'eil ach dòchas
Ri fhòlum bhuat. 'S tu Màthair na tròcair, Is friamh gach sòlais, 'S tu àros eòlais
Le còir bho 'n Uan.
2. 'S tu 'n Reulta phrìseil,
A 's fior ghlan snuadh, 'Tha 'stiùr' nan dìobrach
Air thir 's air chuan ; Am peacach dìblidh Cha dian thu 'dhìbirt, Ma their e— " TiU rium,"
Le crìdh' neo-thruaill.
3. Cha-n 'eil ri fhaighinn
Do mhaise 's d' aoigh, Tha 'ghrian 's a ghcalach
Fo smal ri d' thaobh, 'S do ghlòir 's na Flathas Air deas-laimh 'n Athar *An drills* nan Aingeal
Le gathan gaoil.
4. Is cuan nach tràigh thu
De ghràsan caomh,
72
'S i 'n fhialachd d' àbhuist
'S tu bàigheil, faoil : 'S e toil an t-Slàn'ir Gach beannachd 's fàbhar 'Thoirt duinn romh d' làimh-sa,
A Mhàthair ghaoil !
Riamh peacadh Eubha Cha d' reub thu, 'luaidh !
Cha fhreagradh beud
'Bhith air Reul na Stuaim,
O 's tusa Cèile
Ard-righ gach creutair
Is Màthair eubhachdach 'N Dè bhith-bhuain !
Tha 'Chòisir ghlòrmhor
Le còmh-stri naoimh, Fiach co dhuibh 's bòich'
'Sheinneas ceòl is laoidh 'n Dhuts' Oigh na mòrachd Nam buaidhean òrdhearc, 'S tu 'snàmh 'an sòlas
'S an glòir mnr-aon !
O 's buidhe dhasan
'Bheir gràdh dhut òg 'S bhios gach là 'cur
Air àird do ghlòir' ;
73
Ged thig air Sàtan 'Chur peacaidh bhàis air, Bidh e mar stàilHnn — Cha tàrr air còir !
8. O ! Pheacaich thàireil
Na caill do dhìiil Ach bi bho 'n àni so
Fo chràdh ri tùrs' Mu d' chiontan gràineil ; Is iarr do Mhàthair, 'S gheibh i dhut gràsan
A shàbh'las tu !
9. Ma bhios cion slàint' ort,
No pràmh, no dìth, Na trèig do Mhàthair
Ach tàlaidh ri' ; 'S chinnt 's gur bàs dhut Gum meal thu Pàras 'N deigh 'n saoghl'sa fhàgail
Le bàs 'an sìth.
10. Ma bhios ort cùram
Mud' chùisean saogh'lt', O iarr a h-ùrnaigh
'S gheibh thu faoch'. *S mar faigh thu 'n tùs e Lean le dùrachd
74
S ni i do stiùireadh Air cùrs' nan Naomh.
11. Oir riamh cha chualas
Gun d'fhuair e 'dhiìilt' Aon neach 'am buaireadh
No 'n truaighe ciùrrt', A dh'iarr oirr' fuasgladh, Le cridhe gun luasgan, 'S le beachd neo-ghluas-'dach
'Bhi buan 'n a rùn.
12. Na toir gu bràcha
Do ghràdh 'dh-aon ni Tha'n gleann a bhàis so,
A tha 's nach bi ; Ach taisg is àraich Do ghaol dha d' Shlànfhear, 'S dha 'Oigh Mhàthair
'Tha 'tàmh 'n a dhrils'.
13. 'S bho n' chuir mi dhuibhse
Mo rìin an cèill 'S bho n' dh-inns' mi 'n tùs dhuibh
Reul-iùil nam beus, Gun cuir mi dìinadh Air leis an ùrnaigh A Mhoire tionndaidh mi
Dh-ionnsaidh Dè.
75
EACHDRAIDH CHRIOSTA.
1. Chuir an t-Athair 'Aona-Mhac
A nuas gu 'r sàbhaladh bho dholaidn. Ghabh e iiàdar a pheacaich — Anam daonda agus coluinn.
2. Ghineadh leis an Spiorad Naomh e,
'S Moire bheannaichte a mhàthair. 'S ged a ghabh e nàdar daonda Lean e 'n a Dhia mar 'bha.
3. Rugadh e air oidhche NoUaig ;
*S mòr am fuachd a fhuair a choluinn 'S e 'n a shineadh anns an fhrasaich Gun 'n a chòmhail ach damh is asail.
4. Thàinig buachaillean g' a fhaicinn ;
'S rìghrean, dha 'm bu chian an t-astar, A thairgse mirr is tùis is òr dha — Sagart agus righ na mòrachd.
5. Dh' fhuiHg e a thimchioll-ghearradh
'S gum b' e 'thoil gach fàint' a leantuinn. Thairgeadh e le 'mhàthair 's an teampull 'S rinneadh fàisneachd dha le sean-duin'.
76
6. Ach cha b' fhada thun am b' fheiidar
Triall air chabhaig thun na h-Eiphit Fo chùram a mhàthar 's a cèile
'Sheachnadh cosgairt' a rinn Hèrod.
7. 'N uair a thill e bho dhìithaich aineil
'S ann'gu Nasareth a ghabh e A chothachadh le saothair a lamhan An taighe anns an robh e 'fantuinn.
8. Uair dha 'n deach iad thun an teampuill
Dh' ionndrainn iad bhuap' e 'tilleadh, 'S mu 'n d' fhuaradh e 'am measg nan ollamh Chaitheadh trì latha 'g a shireadh.
9. Eachdraidh eile cha-n 'eil againn
Mu na bUadhnachan 'chaidh seachad Mu 'n do dhealaich e ri 'dhachaidh 'Theagasg sàbhaladh do 'n pheacach,
10. Ach mu 'n bhuaireadh anns an fhàsach Anjdeis dha 'bhi 'trasgadh carghuis 'N uair a dh' fhiachadh ris le Sàtan Le craos, le sannt, 's le àrdan.
II.
Rinn e iomadach miarailt
Bho thionndaidh e 'n t-uisge gu fion daibh. Thug e fuasgladh do phiantaich
Anns gach easlaint 'bha 'g am fìachuinn.
77
12. Fhuair iia bacaich comas coiseachd,
Fhuair na bodhair air ais an claisteachd, Fhuair na doill an sìiilean fhosgladh, Dh' f huasgail e teanga nan tosdach.
13. An tè a bhean do fhaitheam èididh
Fhuair i leigheas as a h-euslain. Cha robh luibhre, cha robh teasach Nach robh Mac na h-òighe 'leasach'.
14. ladsa 'bha fo chuing an nàmhaid
Dh' fhuasgail e an iall 'g an ceangal : 'S ghairm na mairbh as a chlachan 'S thill e iad 'n an slàinte dhachaidh.
15. Thug e tri bhadhna 'teagasg
'S a' stèidheach' gu domhain na h-Eaglais', A thog e air a charraig Peadair, 'S gheall e i 'bhith ann am feasda.
16. 'S e Peadair 'fear a b' àird 's a chòmhlan,
'Fhuair an t-urram a bha sònraicht' — 'Bhi 'n cuideachd Mhic Dè an còmhnuidh 'G ionnsuchadh ghocais 'n a chòmhradh.
17. Dà-fhear-diag a bh' ann gu lèir dhiubh —
Peadair, agus Eoin, is Seumas, Anndrais, is Bartolomèus, Matu, Tòmas, is Tadèus,
78
i8. Philip, 's Seumas mac Alphèis, Mar-ri Sìmon Cananèach, Agus lùdas, — fear na h-euc'rach — 'Bhrath Mac Dè le pòg na ceilge.
19. 'S a thurus a 'bhith 'tighinn gu crioch
Thàinig Criost le 'dhà-fhear-diag Chumail Càsga 'rèir na riaghailt' 'Dh' fhàgadh ann le Maois 'o chian.
20. Thàinig iad còmhla gu Sàlem,
'S bu dian a bha 'n sluagh 'g am fàilteach'- Slatan de 'n phailm 'n an dearnaibh, 'Seinn fàilte do Mhac Righ Dàibhidh.
21. Chruinnich Criost 's na h-Ostail ghaolach
Mu 'n bhòrd air oidhch' Dhirdaoine : Bheannaich e 'n t-aran 's am fion, Is labhair e na briathran naomha :
22. " 'S e so nio chorp-sa," os ar Slàn'ear,
'S cha b' e aran a bh' ann tuiUeadh : '* 'S i so cailis m' Fhuil-se 'dhortar," 'S riaraich e a chuideachd uile.
23. Thriall e thun an lios, mar 'chleachd e;
Dh' iarr e 'n triùir a bhith 'n am faicill : Ach cha b' fhada rinn iad caithris A dh-aindeoin na dùrachd a bh' aca.
!
79
24« 'S e Mac na h-òighe 'bha brònach,
Dh' fhuilig a chridhe trom-dhòruinn, Am fallus dearg dheth 'dòrtadh 'S a choluinn le fuil a' lòchradh.
25. Dh' eubh e air Athair 'n a èiginn :
'*Seachainn ormsa 'chaihs pèin-sa, " Ach òlar leam i air a seirbhead
" A riarachadh do thoil ma 's fheudar."
26. Chuireadh a nuas as na h-àrdaibh
Aingeal gu cobhair an t-Slàn'ir ; 'S 'n uair fhuair e seachad na spàirnean Dh' èirich gu triall 'o n ghàradh,
27. Ach chunnacas daoine le armaibh,
'S 'n an lamhan bha leois a' dealradh ; Air an ceann bha 'n t-ostal cealgach A bhuaireadh le sannt an airgid.
28. Gun robh d' uair a nis' air tighinn
Dh' fhalbh thu, losa, leis a bhuidhinn, Cha d* rinn thu gearain no bruidhinn
A dh-aindeoin 's na bha 'thàir' 'g ad ruìghinn.
29. Chaidh iad leat gu ruig cùirt Chaiphais;
Chualas leat an f hianuis bhrèige ; Chuir e faobhar 'nad chridh' 'bha cràiteach — 'G èisdeachd Pheadair fhèin 'g ad àicheadh.
8o
30. Ge do fhuaradh thu gun choire
'Liuthad briag a bha 'n ad aghaidh Cead cha d' fhuair thu as a choinneamh Ach masladh agus tàir 'gun ghainne.
31. Bhualadh dòrn air Dia na naomhachd,
Chaith iad smugaidean 'n a aodann, Ghuidh iad bàs dha, 's iad 'g a shlaodadh Gu Pilat am britheamh claonach.
32. *' Co dhe 'n dithis a leigear as dhuibh ?
" An gabh sibh losa neo Barabbas?" Is 'fhios ro-mhath gur ann tre f iiarmad 'Thàirneadh Criosta thun na cathrach.
33. Dh' eubh iad còmhla 'murtair 'fhuasgladh
Is los' ar Tighearna a thoirt suas dhaibh Los gun ceusta leo gu luath e ;
'S ghèiU an t-uachdran 's a bhruaidlean.
34. An deis do chohiinn a 'rùsgadh
'S a sthracadh bho rhèile le sgiìirsan 'Am fochaid lùbadh glùn dhut,
'S dh' fhigheadh òhc 'n dreighinn crìin dhut.
35. Dhinneadh mu d' bhathnis teann e,
'S bhuaileadh le ciiilc nui 'n cheann thu, Chaith iad seile bhrt un mu d' lcth-cheann 'Fiachuinn gach mi-mliodh 'bu deise.
8i
;^6. Chuir iad umad cleòca sgàrlaid,
'S gum b' i sin an deis' 'bu nàraich' ; 'S los thu dh-fhaotuinn barrachd tàmailt'
Uh' eubh iad: " 'Righ nan lùdhach ! Failt' ort !"
37. Thogadh a chroich air do ghuaillean,
'S a Rìgh ! bu chianail a h-uallach : 'S mu 'n d' fhuair thu 'Chalbhari suas i
Ciia b' ioghnadh thu 'thuiteam 'an tuaineal.
38. Shàthadh saighead 'n ad chridhe
'Coinneachadh Moir' air an t-shghe. Bu bhrònach ur cor 'n ur dithis, Bu trom air ur gruaidh an snidhe.
39. Bhuail iad tàirnean ann ad lamhan
'Stracadh fhèith is alt is chnamhan ; Chladhaich iad 'n a dhèigh do thraidhean, 'S dh' fhuaigh iad ris an fhiodh do choluinn.
40. Thogadh air a bhonn am fiodh —
Uan nan gràsan air a shiios, Uan na h-ìobain' ìiire,
'Bha ri 'r sàbhaladh bho sgrios.
41. Bha cuideachd do ghaoil mu 'bhonn —
Magdalen is d' Ostal Eoin, Is Moire, dha 'n robh 'n cridhe trom, 'Glacadh seanchas do bheòil.
F
82
42. Fhuaìr thu 'n donbhlas ri 'òl —
Ceudfath cha robh saor bho thàir ; Bhodhradh do chlaistneachd leis a ghlòir 'S a bhlasbheunm 'bh 'ann am beul na gràisg'.
43. Roinn iad eatorra d' èideadh
Tilgeil chrann air a sgàth Los gun dearbhte gun bhrèig Na labhradh 'o chèin le fàidh.
44. Os do chionn bha tiodal sgrìobhte
'N cainnt na dùthch', na Ròimh', 's na Grèige : — " 'S e so losa, Righ nan lùdhach "
'Cur air shìiil daibh fàth do cheusaidh.
45. Chrochadh meirleach air gach laimh dhiot :
Fear dhiubh ghabh thu 'stigh dha d' chàirdeas ; Thug thu mathanas anns na rinn e, Gheall thu sonas buan dha 'm Pàras.
46. Dh' fhalaich a ghrian a h-aodann,
Thàinig dorchadas air an t-saoghal Bho 'n t-siathamh uair gu ruig an naoitheamh, 'S chualas am Fear-Ceusta 'glaodhaich :
47. " Eh lamma sabbachthani ?"
" A Dhia, am beil thu 'dol g' am fhàgail ? " Bha guin a bhàis 'n a chridh' 'g a shàthadh 'S anam 'gleac ri cruas na spàirne.
^3
48. Chrom do cheann air do bhroilleach,
Chaill do choluinn a treòir, Cha d' rinn thu gluasad na osnaich Bha thus', 'Mhic Dè, gun 'bhi beò.
49. Sthracadh cùirtein an teampuill
Bho' bhial uachdrach gu 'iochdar ; Chaidh 'n talamh fhèin gu iorghuil — Crithean 'g a sgàineadh 's ga riasladh.
50. Dh' fhosgladh iomadach uaigh,
Mhosguil na mairbh as an suain, 'G èirigh bho na leacabh fuar'
'Cur fuathais is geilt feadh shluagh.
51. Chaidh d' anam le luas nan dealan
Cho luath 's a thilg thu 'n anail A choimhead nan anam 's a phrìo-an 'Bha 'n dìiil ri tighinn Mhessìa.
52. Cha b' idir ifrinn nam piantan
Nach dioclar a theintean gu siorruith Ach còmhnuidh nan anmannan diadhaidh 'Bha 'feitheamh ri tighinn an l'ighearna.
53. Ach mu 'n d' fhuasgladh 'o 'n chroich thu
Dh' f huihg thu do thaobh a tholladh ; Dhòirt thu na bha dh-fhuil 'n ad choluinn, Cha chaomhnadh tu aona bhoinne.
84
54» Dh' fhosgail thu dhomhsa 's a chreuchd
Aon tearmunn ann am miadhoin do chridhe- Fàrdach far am bithinn glèidhte
Bho innleachd 's bho neimh na bèiste.
55. Ghlac do Mhàthair do Chorp fuilteach,
Cha b' ioghnadh leam a sùil 'bhi silteach : 'S 'n uair a dh' fhàgadh leithe fo 'n Hc thu Bha 'cridh' 'an ion 's 'bhi briste.
56. Ach moch air maduinn na Càsga
ThiU d' anam gu d' choluinn a thàmh ann — Do 'n choluinn 'fhuair buadhannan àgjhor 'Gheibh coluinn gach naomh ann am Pàras.
57. A chlach a bha mu bhial na h-uaghach
Chaith thu gu luath air falbh i : Mhuthaich do luchd faire 'n gluasad 'S chlisg le uamhas fo 'n cuid armaibh.
58. Dà-fhichead là 'n a dheaghaidh dh' fhan thu
Mar-ri d' Ostail air an talamh. Fhuair iad comas olc a mhathadh
'S a h-uile gibht a b' àill leo fliaighinn.
59. Ach ràinig uair 'am b' fheudar triall
A dh-fhaotuinn do dhuais 'o Dhia Anns na choisinn thu le d' ghniomh Fhad 's a bha thu 'n dail nan diar.
85
6o. Dhìrich thu Dirdaoin do 'n bheinn Air do chuartachadh le d' threud, Dh' èirich thu suas do 'n speur Is chaidh thu 'falach ann an neul.
6i. Bha 'chuideachd is an sìiil 'n ad dhèigh Ag amharc mar a ghabh thu 'n ceum 'N uair chunnacas air tighinn 'o nèamh Dithis Aingeal dha 'm bu sgeul : —
62. " Eisdibh, mhuinntir Ghahlè,
" losa a chaidh suas air nèamh " Tearnaidli e bho dheas laimh Dè " 'N uair theirigeas an cruinne-cè."
LATHA 'BHREITHEANAIS
1. 'N uair theirigeas an cruinn-cè
Thig Mac Dè le feachdan Aingeal ; Taisbeanar a chrois 's an speur, Lasaidh na nèamhabh le 'lainnir.
2. Thig e 'thoirt breith air clann-daoine,
'S a h aon diubh cha tèid 'am falach ; Thig iad as gach cearn' de 'n t-saoghal Is snaoimidh 'h-uile corp ri 'anam.
86
3- Seinnear trombaid leis an Aingeal,
Mosglaidh na tha 'laidhe 'n clachan ; 'S na shluigeadh le craos na mara Triallaidh thun na cùrt' air chabhaig.
4. Bithidh ar smaointean air an riisgadh
'S a h-uile rùn a bha 'am falach, Na facail a thuit gun sùim bhuainn Cluinnidh na bha air an talamh.
5. Ge Honor àireamh nan gniomh
A choisinn do Dhia bàs fala Ainmichear air streath a chèil' iad Is èisdidh sinn binn na Cathrach.
6. Cothromaichear am math 's an eucoir
Is sùil Mhic Dè 's na meidhibh. 'S mar do mhathadh 'n a thràth ar n-olcas • Tha sloc na pèine 'g ar feitheamh.
7. " A mhuinntir bheannaichte m' Athar
Gabhaibh sealbh anns an rioghachd A dh' uidheamaicheadh romh 'n t-saoghal dhuibh :' 'Bhinn ghaolach 'gheibh na dìlsean.
8. Is sluigear sios luchd nam mollachd
'S an loch theine nach diocail, A dh' fhadadh le anail do chorruich Gus an donus 's a threud a phianadh.
87
COMHARRADH NA CROISE.
1. Chi mi gu h-àrd air a clinoc 'Chraobh air na chrochadh am Mac, — Bratach mo ghaoil 's mo thlachd, Bratach na buaidhe 'n àm gleac.
2. Ge colgarra 'n nàmhaid 'n a dhreach, Ge cosgarra 'n t-arm fo 'smachd, Nochdadh a Chrois 'n a bheachd,
Is tillear a ruaig 's a chreach.
3. Ma shnàgas e h-ugad gun fhios Cha-n fheairrde 'sheòltachd an cleas ; Cuimhnich comharradh do leas —
'N claidheamh 'tha 'nad làimh dheis.
4. Buail an cealgair cHs, Na dian conaltradh ris ;
.Choisneadh moUachd is sgrios Le fadal Eubha an lios.
5. CailHdh 'fhiaclan an neimh, CaiHidh 'innleachdan an goimh, Teichidh a cheathairne air chrith Ma dhealbhar iomhaigh na croich'.
88
Coisrig 'an aghaidh 'n uilc 'N àm dùsgadh 's a mhaduinn mhoich. Paisg do dha làimh thar d' uchd 'N uair a shireas tu tàmh an nochd.
Is uasal urram na crois' — Ahair na h-ìobairt a 's mua meas, Tha Uan Dè air do shhos A thiarnadh a shluaigh bho sgrios.
'S tusa mo dhion 's mo thaic,
Mo ghiar-chlaidheamh 's a ghleac,
Mo sgiath a thilleas an gath
A dh-iadhas mu 'ni cheann 's a chath.
A Chrois nan gràsan 's nam feart 'Fhuair an urram bho 'n Mhac, Comharradh a chreidimh cheart De 'n gabh an Trianaid tlachd.
DHEALBH DIA MI AS AN UIR.
I. Dliealbh Dia mi as an ìiir, 'S chuir c anam anns a chrè Dha 'n robh meomhair is toil is tùr 'Reir a chohais àluinn fhcin.
89
Mar tha Dia 'n a Spiorad buan Air nach tig am bàs a chaoidh, An t-anam-sa a fhuair mi bhuaith' Bidh e beò fad shaogh'l nan saogh'l.
'S ann gum faighinns' eòlas air, 'S gum faigheadh esa bhuamsa gràdh, *S gum bithinn fritheilteach dha thoil, 'Chuir e thun an t-saogh'l mi 'thàmh.
Gheall e sonas dhomh 'bhiodh maireann MaiUe ris na naoimh gu h-àrd Nan dianainn a thoil-se 'leantuinn, 'S m' anam 'chumail ann an gràs.
Ged bu leam na tha 's a chruinne
'Dh-òr, a dh-airgiod, 's a thalamh,
'S mòr gu'm b' fhearr 'bhith falamh buileach
Na gu'n leiginn smal air m' anam.
Riaraichidh mi Dia le creideamh Mar tha 'Chreud a' cur an cèill domh j Riaraichidh 's le dòchas daingeann Is ionnsuichidh a Phaidir fhèin mi.
Bheir mi gaol dha 'rèir nam fàintean, — 'S iad a sheòlas air a cheum mi ; 'S bheir na Sàcramaidean gràs domh Anns a h-uile càs 's an tèid mi.
90
D I A.
I. Is tusa, 'Dhia a chruthaich nèamh,
A chruthaich a mhuir 's an talamh, 'Chruthaich an iarmailt le reultabh,
An ianlaith is iasg na mara, Gach lus, gach ainmhidh mar an ceudna,
'S an duine le 'choluinn 's le 'anam, 'S na h-Ainglean ann an cruth 'bu cheutaich',
'S thug thu dhuinn' iad mar luchd-faire.
2. Tha thu gun tùs — 's bhuat fhèin do Thì ;
Cha tig caochladh air do neart ; Teirigidh muir is speur is tìr,
'An tùs òige 'bhios Dia nam feart Aois' no laig' cha tig 'ad chòmh'r
'S tu gun mhùth'dh, gun tùs, gun chrich, Gur siorruith d' aois' is do ghlòir,
'S ni cha 'n fhairthch air do chll.
Tha thu 'd Thighearna thar gach ni
A' riaghladh air muir 's air tìr, 'Gluasad nan reuUa le d' mhiar
Is ag òrducli' cuairt nan sian ; A' cur fàs dhuinn anns an t-siol
A' togail mheasan cihuinn 'o n fhriamh, 'Còmhdach 'an dìthein ghil le sgiamh,
Nach fhacas air Solamh cho briagh.
91
Tha do chòmbnuidh anns gach àite,
'S lèir (ihut 'h-uile ni mar 'ihàrlas. Cluinnear leat fuaim nan smaointean
Nach do ghluais ach ann am inntinn. Ni cha tèid 'an dubhar ortsa,
Cha dioch'nuich thu gin de m' lochdan ; 'S cha tuit aon duilleag 'bharr nan craobh,
Mar togarrach do Fhreasdal naomh.
Tha nii 'creidsinn anns an Trianaid,
Anns na Pearsannaibh 'tha sònraicht' — An t-Athair, is am Mac, 's an Spiorad, —
" An triùir a tha 's a chothrom chòmhnard, " Ann an gniomh, an gràdh, 's an gilead,
'* Gun a h-aon diubh 'sine no 's òige," 'S ged tha 'n Triijir dhiubh uile diadhaidh
Cha-n 'eil ann ach aon Dia glòrmhor.
GUN SEINN MI LAOIDH DO MHOIRE. (Bho 'n Bheurla).
T. Gun seinn mi laoidh do Mhoire,
Gur Moire màthair mo Dhè, Gur Moire 'n òigh a 's dìsle,
'S tha fuil nan rìgh 'n a fèith. Dian cobhair orm, a Mhoire,
'S mi 'cur laoidh-mholaidh 'n cèiU,
92
Tràth ni na h-euc'raich tàir' ort, Bheir mise, *Mhàthair, dhut spèis.
2. A dhìthein ghil a ghUnne,
'Ròis dhiomhairich an àigh, Cha-n 'eil an lus a 's bòidhche
Cho docha leam 'n a fhàs. Thoir cead dhomh, ged nach fhiù mi,
Do chhù a chur 'an cèili, Tràth ni na h-euc'raich tàir ort,
Bheir mise, 'Mhàihair, dhut spèis.
f 3. 'N àm 'mhulad 'bhith 'g am leònadh
Is m' inntinn trom le bròn, Bi'dh d' shoillse 'chaoidh 'g am threòrach',
'Reul ghil na maduinn òig. Bi'dh mise 'g iarraidh 'n còmhnuidh
Do chòmhnadhs' anns gach feum ; 'S tràth ni na h-eucr'aich làir ort,
Bheir mise, 'Mhàthair, dhut spèis.
4. Is àrd na naoimh 's na flathas
Le 'm fleasgan loinnearach òir, Ach 's loinnearaich' 'n a maise
Tha is' air cathair a glòir. 'S am bi clann-daoin' gun diù dhiot
'Fhuair chìi bho Righ nan speur? Tràth ni na h-euc'raich tàir ort,
Bheir mise, 'Mhàthair, dhut spèis.
93
5» Tha leug 's an fhleasg aig Moire,
Nach toireadh Dia do chàch, Tha leug nan Aingeal fhèin aig
An tè a 's Bànruinn dàibh. Cha tàinig smal bho adhamh
'Chur sgàil' air Màthair mo Dhè ; Tràth ni na h-euc'raich tàir ort,
Bheir mise, 'Mhàthair, dhut spèis.
6. Sheinn mi do chhìi, Oigh Mhoire,
A bhànruinn loinneal, àigh : Fàg leam a nis' do bheannachd,
'S gu 'm meal mi i gu bràch. Tràth ni na h-euc'raich tàir ort
'S e so mo rùn 's gach càs, Airson chìi Moire 's màthair domh
Gun reachainn thun a bhàis.
FAINTEAN NA H-EAGLAIS.
'S còir dhuinn èisdeachd ris an Eaglais A fhuair mar chùram ar teagasg
'S gur e 'thubhairt Mac Dè : — " An neach 'ni tàir air a buachaillean " Tha e mar phàganach truagh
" A' dianamh tàir orm fhèin."
94
1. 'H-uile Dòmhnach an Aifrionn èisdeachd, 'S gun a call air latha fèille.
2. Traisg air Am'nan, Carghus is Aidbhein,
Is lathaichean romh fhèiUtean àraid, 'S air Di-haoine feòil a sheachnadh 'Chumail beachd air bàs mo Shlàn'ir.
3. Mo pheacannan 'thoirt suas gun fhiaradh
'N ceann gach bliadhn' aig Cathair na Faoisid.
4. 'Bhith 'teachd co-dhiubh gu bòrd mo Rìgh A h-uile Càisg gu m' thì a naomhach'.
5. Dhghe 'Phears-Eaglais a thoirt bhuam : — " 'S airidh cosnaich' air a dhuais."
Bho thìis Aidbhein na biodh banais Gu 'n tig dà-la-diag de 'n Noliaig,
No 's a Charghus gu Mcàrt Mionchaisg Air son smachdachadh na coluinn'.
Is seachainn 'h-uile glìin fo 'n chòigeamh
'N àm dhut smaoineachadh air Pòsadh.
95
NA SACRAMAIDEAN.
Seachd comharran soilleir
A dh' òrduich Dia Air gràsan doilleir nach lèir dhuinn,
A f huair am brìgh
Bho thoiUteanas Chriost',
Bho 'Fhuil is bho pbian a cheusaidh.
1. Afn Baisteadh.
Saoraidh 'm Baisteadh sinn 'o n pheacadh
'Leagadh oirnn le Eubh is Adhamh ; Saoraidh, 's ma tha lochd a bharrachd,
Glanaidh dhinn e uisg' nan gràsan ; Fàgaidh i 'n ar cloinn do Dhia sinn,
Sìnidh 'n Eaglais dhuinn a càirdeas : Gheibh sinn còir nan oighre dligheach
Air an rioghachd bhuan 'am Pàras.
2. Dol-fo-làimh Easbuig.
'Neach 'tha 'dol fo làimh an Easbuig
Glacar leis an Spiorad Naomh, Gheibh e 'dhaingneachadh 's a chreideamh
'Cheannaich Criost' dha air a chraoibh, Gus 'aideachadh gun nàir' gun eismeal
*S gu bhith deas gu 'chur an gniomh, 'S gach uair an iarr ar Tighearn' ar dleasnas
Sinn 'bhith seasrach dhàsa 'chaoidh.
96
Corp-Chriosta.
An t-Sàcramaid a 's uailse urram —
Criosta f lìèin mar Dhia 's mar dhuine Eadar 'Fhuil is 'Fheoil is 'Anam
Air a chleith fo riochd an arain. 'Bhriathran fhèin gur iad mo chòmhdach
Air na rùintean diomhair glòrmhor, — " So mo Chorp-sa 's CaiUs m' Fhuil-se " —
Bial na fìrinn' fhein a thuirt e.
Faoisid.
An duine 'chaiUeas gràs a Bhaistidh
'S a dhealaicheas ri sHghe na còrach, Biodh a chiont cho dearg ri sgàrlaid
Gheibh e mlthanas 'n a dhò-bheairt Ma ni e 'chron gu soilleir aideach'
Le cridhe aithreach, brìiite, brònach Dhàsa dha 'n tug Criost 'na lamhan
Glas is iuchraichean na tròcair'.
Ola-ro-'Bhàs.
Fògraidh 'n Ola naomh eudòchas
'N àm 'bhith 'còmhrag ris a bhàs ; Peacannan na h-aois 's na h-òige
Bheir i còmhla as an làth'r. Bheir i misneach agus còmhnadh
Dhas' 'tha 'n ceò 's an cruas na spàirn', Is ma 's àill le Dia na tròcair
Bheir i e bho bhròn gu slàinl'.
97
6. Ordugh Naomh.
A chumhachd a 's uaisle 'air talamh —
Cumhachd Ordugh Naomh nan''Sagart, 'Dh' òrduich Dia gu teagasg fhacal
Is gach Sàcramaid 'thoirt seachad ; — Cumhachd peacannan a mhathadh,
'S cumhachd 'tha na 's uaisle fhathasd — 'N àm 'bhi 'coisrigeadh an arain
losa 'thoirt a nuas a flathas.
7. Pàsadh.
Cha robh cor gu 'bhith gun bheannachd
Ge b' e 'n ceum 'bha daoine 'leanailt, 'S rinneadh Sàcramaid de 'n Phòsadh
A bheannachadh le gràs nam bòidean, Los gun coimhlionadh a chàraid
'H-uile dleasnas mar a thàrladh. Ann an gràdh 's an gaol dha chèile
Gus an dealaicheadh an t-eug iad.
SACRAMAID UILE-NAOMH NA H-ALTARACH.
I. Thall mu 'n altair latha 's oidhche 'Dianamh soiUse chi mi lòchran, Mar an reul 'o shean a' dearrsadh Os cionn fàrdrach Rìgh na glòrach.
G
98
2. Comharradh e gu 'm beil na rìiintean
'Cuairt gu dlùth do 'n phaiUionn ìseal Mar an oidhche dhaibhs' tha 's aonais Solus caomh a chreidimh phriseil.
3. 'Crochadh fuilteach ri crann-ceusaidh
S lèir co-dhiu le sluagh do dhaondachd Ceilte nis' tha 'n daondachd fhèin oirnn Innleachd do spèis is do ghaol dhuinn.
4. Làmh na sìiil na blas cha seol sinn
'H-uile ceud-fath 'n ceo ach claisneachd. De cho fior ri briathar mo Thighearna? Is neo-fhiarach, cinnteach, ceart e.
5. 'S iad na briathran 'sthruth bho 'bhilean
Blasd' seach mil bho chuach na cèire " 'S so mo Chorp-s' is cailis m' Fhùilse " — Briathar do ghuth-sa, Co nach gèill dha?
6. Cha lèir dhomhs' na creuchdan domhain
'Tholladh romhad leis na tàirnean : Ach cha bhi mi mar bha Tomas
Foghnaidh dhomhsa briathar mo Shlan'ir.
'O'
7. Neartaich thusa mo lag-chreideamh, Cum an lasair beò 'tha 'm lòchran Los nach seid an t-àrdan as e
'S nach teid mis' air chall 's an dorcha.
99
S. Ach, mo Dhia, carson tha d' mhòrachd
Is do ghlòir gun 'bhith 'g ad' chuairteach ? De 'n aon sgàile 'tha mu d* chumhachd
*S nach fhaicear iomall leinn dhe d' uaisle ?
9. Cheil thu bhuainn iad los gu 'm faodadh Daoine 'bhith na 's dàin 'g ad ruighinn ; Nan robh tlius 'n ad ghlòir 'g ad chòmhdach Cha bhiodh beò an neach a chitheadh.
10. " lonnsuich bhuams' 'bhith ciùin is iseal " 'S e 'n guth binn ri chluinntinn daonnan Bho Mhac Dè 'tha sin 's a phriosan ; Dirimid gun dàil g'a thaghal.
Ti. Tha ar cuideachd ged is peacach
'Cosnadh tlachd dha 's e 'n a onrachd ; 'S e tha 'bhilean gaolach fhèin 'g ràdh : —
" 'S aobhar èibhneis dhomh 'bhith comh' ribh.'*
12. S fhad' bho thuirt mi : — " Siribh 's gheibh sibh,
larraibh agus bheirear dhuibh e, BuaiUbh agus bithidh e fosgailt';" larraibh neo cosnaibh mo dhiumb-sa.
13. Oidhch 'is latha, fàir' is feasgar
Tha mi 'freasdal air mo mhuinntir ; 'S e 'bhith 'g ar beannachadh a 's miann leam Leis na gibhtean 'th^ 'n am ionntas.
lOO
14. Thigeadh sibhse 'tha ri saothair,
Sibhs' 'tha eallach nach 'eil aotrom ^Cromadh sios do 'n aibhneis ghruamaich, Gheibh sibh suain is tàmh 'n am ghaolsa.
15. C* àit' am beil an cridhe 'dhiìihadh
*N cuireadh gaolach sin a fhreagairt? Thèid sinn uile thun na cuilme
Dh' ullaich thusa, los', gu leas duinn.
16. Lòn cho diadhaidh air a bhangaid
Cha-n 'eil cainnt a dh-innseaa ceart e, losa fhèin mar Dhia 's mar dhuine — 'N lòn a dh' ullaich Rìgh nam feart duinn.
17. Chualas sgialair ian 'an cèin-thir
Dh' fhosgladh creuchd 'n a bhroilleach fhèin 'S a bheathaicheadh le 'fhuil 'chuid eunabh — Sàmhladh so air gaol mo Dhè-sa.
18. Beathaich m' anam is dian ionnlad
Bho gach lochd is olc gu h-iomlan ; Dh' fhoghnadh aona bhoinn' bho 'n tuil so 'N saoghal gu gile 'n t-sneachd a thionndadh.
19. Tha thu losa ceilte 'n dràsd oirnn
Ach èiridh fhathast an ceò 'g ad fhalach, Deònaich dhuinn do mhaise 'lèirsinn 'N uair a thrèigeas sinn an talamh.
lOI
URNAIGHEAN AITHGHEARR.
1. Riaghail mi le d' ghliocas, Rian mi le d* cheartas, Miadaich mo mhisneach, Tiaruinn le d' neart mi.
2. Measam na mheasas tu, Dìteam na 's gràineach leat, Seachnam na bhacas tu, Cleachdam na dh-àithnear leat.
OIDHCHE NOLLAIG.
1. . Oidhche bhuachaillean nan treud
'Bhith ri faire air na slèibh Shoillsich solus anns an speur Bu cheutaich' na na rionnagan.
2. B' ait an sealladli 'bha 'n am beachd
'N uair chruinnich na h-Ainglean 'n am feachd 'Dearrsadh na 's gile na 'n sneachd,
'S iad 'teachd bho Righ nan cumhachdan.
3. Tharruinn iad ann an cuairt streath 'B 'àiUe na arm a' dol gu cath ;
Ghlac gach aon diubh 'chruit air leth — Cha lann na sleagh a b' inneal daibh.
102
4- Bu mhòr an call do 'n t-sìiil nach fhac' An armailt gheal a b' àille dreach ; Ach b' e m' aon mhiann agus m' aon thlachd 'Bhith 'n clàisne 'sgeoil a dh' innis iad.
5. B' e sin am feachd 'bu ghile^cruth, 'Bu ghrinne dreach, 'bu bhinne guth — 'Bu bhinne na torghan an t-struth
A' ruith air morghan miona-bhreac.
6. Bu ghiT iad na drìlse reul,
Bu loinnearaich' na gathan grèin', Ar leam gu 'm b' èibhne leam an ceum Na chs-fhir speur ri mireagaich.
7. 'S meirg duine 'theireadh ceòl Ri coireal an coille 'm bi eòin
'S a chòisridh loinneil anns na neòil 'Toirt sgeòil mu bhreith an Aona-Mhic.
8. 'S meirg a mholadh guth nan òigh, Na binneas na cruit' a b' fhearr dòigh 'S an t-aon fhiHdh 'bu ghrinne meòir
'Co-ruith le 'cheòl ri 'luinneagaibh.
9. B' e sin an ceòl 'bha milis, binn, Is còisridh 'n Dia ghil a' seinn
'S an iarmailt dheahaich os an cionn 'Toirt chìi do 'n Uile-chumhachdach.
I03
10. Ghuidh iad sìth do 'n chinne-daond' A dh' èisdeadh an sgeul le rìin,
Le cridh' aon-fhillte, cridhe saor
Bho chlaonadh saogh'lta, curaideach.
11. " Chrom Messia sios bho nèamh,
" Chomhdaich e 'Dhiadhachd le 'r crè, " Tha 'n ar còmhail Emmanuèl, " 'Am baile Bhèthlem rugadh E.
12. " Gheibh sibh pàisdean geal nan gràs " A chòmhnuidh ann an stàbuU fàs,
" Damh is asail 'bhith 'n a dhàil
" 'S a mhàthair 'g a shuain 'an luideagaìbh."
13. Dh' fhalbh na buachaillean bochd', Dh' fhàg iad na caoraich air a chnoc, — Dh' earbadh iad ris fhèin an nochd
A dh' fhògair sprochd bho 'n cridheachan.
14. Dh' amais iad an fhàrdach lom, 'S dhrùigh e air an inntinn trom 'Bhith 'faicinn Cruthadair nam fonn,
Is chrom gu làr 'thoirt urram da.
15. An Dia 'chuir 'n an àit' na rèil,
A chuir an saogh'l-s' 'an tàthadh 'chèil', 'Chothromaich a chruthachd le 'mheur, — 'S e fhèin 'an cor cho muladach.
I04
i6. Blàthaichidh a ghrian an saogh'l, Gabhaidh na Cherubim le 'ghaol, — Gniomh a làimh-se 's a shaothair Tha latht' le gaoth na brughainn ud.
17. Gun lùth 'n a làimh na cainnt 'n a bheul An Dia a thog an cruinne-cè
A dh' ionnsuich cainnt is ceòl do 'n treud A sheinn duinn air na munaidhean.
18. Lion an cridhe le ioma smaoint', Cha-n innis teanga mar a dhrùigh An sealladh diadhaidh 'bha mu 'n sùil
*S na dhùisg e 'ghaol 'n an cridheachan.
19. Cha d' iarr iad seanchas gu inns*
Na bh' aca 'ghaol air Righ nan Righ, Leag iad air an ùir an cinn
Is dhiol iad cìs na h-umhlachd dha.
LAOIDH MU 'N NOLLAIG.
(Bho 'n Laidinn).
I. Bho 'n ionad 'am bi 'ghrian a' tilleadh Gu iomall cian nan tìrean uile Cliù do Chriosta ar ceann-cinnidh 'Rugadh dhuinn bho 'n Oigh a 's gile.
I05
2. Cruthadair sòlasach a chruinne Ghabh e h-uige coluinn duine ; Shaor e 'n fheòil le 'fhuil 'o mhiUeadh *Tiarnadh a shaothair bho dhiombuil.
3. Innibh màthar 'am beus 'bu ghlaine Lion thu, 'Dhia, le gràs gun ghainne ; Ghiùlaineadh 'an com na h-ainnir Rùintean air nach d' fhuair i aithne.
4. Thogadh teampuU Dè gu h-ealamh Anns an uchd a bha gun smal air : An òigh a bha gun aithn' air duine Ghineadh Mac do Dhia 'n a h-innibh.
5. Rug i 'n diugh am Macan rìinach 'Gheall an t-Aingeal dhi le ùmhlachd, — Am Macan gaolach 'bh' air a giìilan
'Dh' fhàiltich am Baisteach gu mùirneach.
6. Air bad d' an channlaich rinn thu cadal, An fhrasach bhochd do rogha leaba : Sheachnadh tu air ianan gainne
'S bheathaicheadh air dileag bhainn' thu.
/
■■o
Tha còisir fhlathanais làn aiteas 'Togail laoidh 'iha binn ri 'claisteachd : Lionadh na buachaillean le tlachd Is am Buachaille diadhaidh 'n an glacaibh.
io6
Moladh 's urram dhutsa, 'Cliriosta, 'Rugadh dhuinn le òigh gun ghiomh innt', 'S diù do 'n Athair 's do 'n Spiorad Dhiadhaidh Fad tràth bith-bhuanta na sìorrachd.
Amen.
LAOIDH NA H-OIDHCHE. (Bho 'n Laidinn).
1. A Dhia, a chruthaich nèamh is talamh, Guidheamaid romh chrioch an latha Gun nochdadh tu dhuinne do mhathas Le sgiath do ghaoil a chur farainn.
2. Aisling mi-ghnàthaicht' cum bhuainn i
Is breislich na h-oidhch' le 'm bruaillean ; Cum fo smachd an nàmhaid uaibhreach Mu 'm fuiHg a choluinn truailleadh.
3. Eisd ruinn, O Athair ! a 's gaolaich', Maille ri d' choimeas an t-Aon Mhac, Maille ri Spiorad na naomhachd,
A tha 'n ar Triùir a rian an t-saoghail.
Amen.
107
SMALADH AN TEINE.
Smàlaidh mise 'nochd an aingeal
Mar a smàlas Mac Moire.
Gum bu slàn an tigh 's an teine !
Gum bu slàn a chuideachd uile !
Co bhios air a làthair ? Peadar agus Pàl.
Co bhios air an fhaire 'nochd ? Moire geal 's a Mac.
Bial Dè a dh-innseas,
'S 'Aingeal a labhras ; —
Aingeal 'an dorus mo thaighe Gu 'n tig an latha geal am màireach.
Amen.
LAOIDH DO MHOIRE— AN OIGH GUN CHOIMEAS.
I. 'S Honor gath a' tighinn bho 'n ghrèin A' leum 'n an struth air fiamh an òir ; Ach 's honoire leamsa na dhùisg De rùintean an Dè ghil bho 'n Oigh.
2 'S àluinn gealach air an speur Gun neul 'cur sgàile air a gnìiis ; 'S àille leamsa Oigh nan seud Nach d' f huiHo: beud anma bho thìis.
io8
3. Am facas soliis riamh le sìiil 'Reachadh dlùth air soillse reul ? Gur caoine'lainnir 'tha mu 'n chrùn 'Dheilbh Dia nan dìil do 'n darna h-Eubh.
4. Dìridh 'chamhanach barr bheann 'Dh-innse gur teann oirnn a ghrian : Moire camhanach mo ghràidh-s', 'Thàinig romh là 'cheusadh Dia.
5. 'S aighearach 'tha tuar an là
'S grian an t-sàmhraidh 'n àird' a cuairt : " Sgàthan a cheartais " fo fhaileas Dè Chuir i gnìiis na grein' 'an gruaim.
6. Crom mu 'n t-saogh'l gur sèimh an oidhch' Mar mhàthair ri faire chloinn fo shuain ; Sèimhe d' uchdsa, 'Mhoire mhìn, 'Tàladh Chriost' 's do chridh' ri 'ghruaidh.
7. Triallaidh 'n dealanach an domh'n Mu 'n mothaich sìiil e 'ghkiasad ceum : 13u mhall le m' bhaintighearna a luas 'S i 'tearnadh gu fuasgladh air feum.
8. An cualas fuaim leinn 'chaidh 'an àird'
Air tàirneanach 'crathadh bheann gu 'm bonn ? Faoin a ghuth seach chù na h-Oigh' A chhiinnear còmhla anns gach fonn.
I09
9- Ar leam gur drochaid am bogha grinn — Sin 'tha m' inntinn'cur'nam smaoin, 'S gur Moire bogha-frois' mo Righ-s' — Sh'gh' na sìth' 's na slàinte dhuinn.
10. Air doimhnead do ghrunnd', a chuain,
Le d* stuaidh 'n a geala chrios mu 'n t-saogh'l, Gur doimhne, 'Mhoire, cuan do bhròin, 'S fairsne do thròcaireachd 'chlann-daoin'.
11. 'S ait, a thalmhuinn, do sgèimh,
'S aite 'n Hos, 'robh Eubh a' tàmh ; An t-aon " Hos dùinte," 'dh' àitich Dia, Cha do thruailleadh riamh a bhlàth.
12. Thu 'bhith làn de na h-uile gràs
'S gur màthair thu do Righ an t-sluaigh, 'S faoin an t-saothair 'bhith 'deilbh an dàin A dh-àireamh meud no liad do luach.
12. Cha-n ioghnadh thu 'bhith mar a iha
'S gur aona-ghràdh thu 'n Triuir-'n an-aon ;
Nighean an Athar, 's tu 'rug am Mac,
'S tu 'cheil' 'thug tlachd do 'n Spiorad Naomh.
1 lO
LAOIDH CRIDHE NAOMH lOSA.
1 . Di-do-bheatha 'f huarain àghoir 'Bhrùchd a nuas a Cridhe mo Shlàn'ir ! 'Fhuarain bho 'n tig bùrn do 'n phàiteach 'S milse na tharmuich 's an fhàsach !
2. 'S milse leinn na struthan meala An struthan braonach faoin fala 'Lean am faobhar a rinn do sgaradh 'G innse gun robh d' chridhe falamh.
3. Dearbhadh e air meud do ghaol-sa Aona bhoinne cha do chaomhain thu ; Dh' inns' an t-uisge gun do thraoghadh e : — » 'S daor a cheannaich thu clann-daoine. |
4. Di-do-bheatha 'Chridhe mo Shlàn'ir ! Fhuarain fhialaidh nan gràsan ! 'Choisridh fhlathanais cuir fàilt' air, Mol a ghràdh dhuinn anns na h-àrdaibh.
5. Cha-n ioghnadh leam do chridhe 'bhith fialaidh, 'S gur e 'n teampuU aig an Trianaid ; lonmhas làn de ghibhtean fiachor Cridhe mo Thighearna is mo Dhia thu !
III
6. Dh' f hosgail dhomhsa 'nad chreuchd Aon tearmuun far am bithinn gleidhte Fardrach far nach ruigeadh beud mi
Dh' aindeoin innleachd 's neimh na bèisde.
7. Tha do làmhan sgaoilt' 's a cheusadh 'Thaisbeanadh do chridhe 'bhith rèidh dhomh, Ma thig orm gum bi mi 'm èiginn
Gum beil fasgadh ann dha 'n tèid mi.
8. 'S tusa 'n caraid nach cuir cùl rium,
Cha 'n fhaicear doicheall air do ghnùis-sa ; Dh'-aindeoin gòraich is mi-dhùrachd Tha còmhladh na tròcair' gun dùnadh.
9. 'S minig a bha mi gun aire
Gun robh thus' mo Thighearna marrium, Ach diridh mi 'n tràihs' dha d' phaiUionn 'Shireadh fallaineachd dha m' anam.
10. Chi mi 'chreuchd a tha 'n ad chridhe, Chi mi dreighinn air am fighe, Lasair dhe 'n aon tein' a' s gile,
Chi 's a chrois a rinn do mhilleadh.
11. Nach foghnadh leat na fhuair thu 'chràdh An uair a dh' fhuilig thu 's a ghàradh — An cridhe caomh sin 'bhith 'g a fhàsgadh 'S guin a bhàis a' bhith 'g a shàth 'dh ann ?
112
12. C' arson tha 'n lasair sin 'g ad fhiachuinns'? 'S mise 'thoill a' bhith 'g am phianadh ; Thoill mi 'n teine dorcha cianail —
An teine nach tèid às gu siorruith.
13. Ciod is fàth do *n chrois a 's lèir dhomh ? Am feum thu fhathast a' bhith *g ad lèireadh ? Nach bu leòir leat pian a cheusaidh
'Dhia ghaolaich nach d' rinn eucoir ?
14. " Aom do chluais is dian rium èisdeachd, " Cuiridh mis', a mhic, an cèill dhut
" Fàth nan nithean 'tha thu 'lèirsinn : " Cha mhisde d' anamsa mo sgeulsa.
15. "Bior an dreighinn ge bu nimheil, *'Gabhail theine ged is goimheil,
" *' 'S m' inneal-bhàis a bhith 'g a h-iomairt — " Cha-n 'eil suim dhiom feadh do chinneadh.
16. "Faic thu Sàcramaid mo ghaoil
*"Am beil mi eadar m' Fhuil is m' Fheòil
♦* Oidhch 'is latha aig clann-daoin',
" Nach fuar do chinneadh dha m' thaobh ?
17. " Measg nan aineolach cha b' ioghnadh, " Ach measg nam mac a rinn mi ionnlad " Anns na tonnan fala 'thaom mi
"'S olc a choisinn mi 'mhi-sliuim-sa.
113
i8. " Cha chaomh le caraid an diochuimhn', " Ach 's e 's truime tha 'g am fhiachuinn ** Clann le m' Fheòil a rinn mi 'riarach' " Le 'n aithne is le 'n deòin 'g am phianadh.
19. "'S Honor ìobairt air bheagan cràbhaidh, " 'S Honor Comuinn 'ghabh daoine dàna " 'Thàinig thun na cuilm' gun ghràsan,
" 'S gèire n' an teine tha an cràdh dhomh.
20. " Sin na dreighinn 'tha mu 'n cuairt domh, " Sin an teine 'tha 'g am ghualadh,
"Sin a chrois a tha'g am chuaradh ;
" Mhic mo ghaoil nach gabh thu truas dhiom?"
CRIOSTA 'G A THAIRNEADH RIS A CHROIS.
I. Bu chruaidh an leabaidh 'fhuair e
'N uair 'rugadh e 's an stàbuU ; Gur 'cruaidhe leam an leabaidh 'th' aig'
Ri uair a spàirnean bàsmhor : Tràth 'chuireadh e 's an fhrasaich bhochd
Bu umhail e do 'n Mhaighdinn, 'S tràth 's 'g a ruighe air a Chrois
'S co-umhail e dha naimhdean.
H
114
2. 'S ann 'thuL;' e fhèin dha 'n lamhan-sa
Le coltas mhòr-thoil-inntinn, Mar gum biodh an leanabh ann
'S a làmban beag* 'g an sìneadh Gu màthair a ghaoil a thogail
'S a chur far 'fàg a sgìos e ; Bu thruagh nach d' fhuair a mhàthair-se
A leabaidh 'dhian' a dh-Iosa !
3. Bu fhurusda e ri 'fhaicinn
Gum b' e d' thoil-s' 'bhith 'fulang : Bu dheònaich' thus' na iadsan
An iobairt mhòr 'bhith uUamh ; N' an cuid-se 'shaothair 's a dh-innleachdan
Thug d' chuideach's' bàrr orr' uile : Ged 's mòr 'rinn mise 'd leònadh-sa,
Do ghaol-sa fhèin rinn tuilleadh.
4. An Dia 'bh' ann bho shìorrachd,
'Am flathanas 'tha 'àros, Thug nèamh is cè a neoni dhuinn
An dràsd' 'n a chulaidh nàire ! Ach 's maiseach anns an dreach sin e,
Is urramach 's an àm e, 'S a shìiilean 'coimhead suas
Is iad fliuch le gràdh dha naimhdean.
5. Cha-n fhacas riamh le Moire e
Cho toillteanach air aoradh ; Cha d' fhoillsicheadh a Dhiadhachd
115
Cha soilleir bho na dh' aom e 'Ghabhail tàmh air talamh leinn
Fo sgàile 'nàdair dhaonda 'S bha 'cridhe-sa 's i 'g amharc air
A' dòrtadh mach a gaoil da.
B' e Uan na h-ìobairt' ùir' e,
'Chaidh 'ghealltuinn duinn 'o hnntean. Cha b' ann a mhàin a dh-Iudhaich
A b' àill leis 'bhith air ìobradh. Ge b' ainmeil an teampull ac'
'S an altair 'thog na righrean, B' e cnoc is crann na tàire
An roghainn a rinn losa.
Tha ghàirdeannan 'g an gramachadh
'S 'g am fàsgadh ris a chrann, Is tha bàrr nan tàirnean garbh ac'
'G an toradh tromh na dearnan, Bho 'n d' thàinig 'h-uile beannachd
A chaidh 'dhiol 'o iùntas ghràsan. Nach aobhar nàir mo pheacannan
'Thug tàir cho mòr dha m' Shlan'ear ?
Chaidh crith de 'n chràdh bu ghèire Air feadh a choluinn chreuchdaich,
Ach anns an t-sùil 'bha gaolach riamh Chìthear gràdh 'am measg nan deuran.
Ge fuilteach, brònach, cràiteach thu Air sgàth na rinn mi dh' eucoir
ii6
Tha thu bàigheil, truasail, tròcaireach Dha 'n daol a tha 'g ad cheusadh.
9. A Mhoire Mhàthair, an innis thu
An t-ainm a th' air do bhròn-sa Tràth 'chualas 'h-uile buille leat
Bha 's 'bualadh leis an òrd ud. 'S e 'mhiad 's a bha do ghaol air
An tomhas air do dhòruinn 'S cha-n 'eil gaol nan Aingeal còmhla
Cho raòr ri d' ghaol-s' 'n a ònrachd.
10. Bha d' shùilean air do luaidh
Ach bha guth do bheòil air d' f hàgail ; Am facal cha robh cruthaichte
A fhreagradh dhut 'n ad spàirnibh, Ach thuig an t-Athair Siorruith
'N ùrnaigh 'rinn thu dhàsan, 'S do chridhe anns an uair
Fo bhuiir an ìiird 'g a sgàineadh.
11. Tha Magdalen is Eoin, is iad
A' druideadh suas an cluas. Tha 'n cridheachan 'g am fàsgadh unnt*
Le mulad agus truas. 'S e a b' fhearr leo *n cridhe fhèin
'Bhith pronn fo 'n iarna fhuar, Is los' a bhith air 'fhuasgladh
Bho na spàirnean 'tha m' a chuairt.
117
12. Nach seall sibh air ur Tighearna
'S gun taisich sibh le bàigh dha ? Tha 'lamhan air an sgaoileadh leis
Gu 'r faoilteachadh diia ghràdh-sa. ** Nach tig sibh thun mo glacaibh-se
Is gheibhear fois an àigh leibh, Mar fhearr leibh slabhruidh 'pheacaidh
Na 'bhith 'n gàirdeanaibh ar Slàn'ir?"
13. Tha fuaim an ùird a' tòiseachadh
Ri èirigh suas as ùr, Is, ged 's ioghnadh leam a smaoineachadh,
Ar leam gur inneal ciùil e, 'S a theudan 'bhith 'g am bualadh
Is a h-uile buille 'dùsgadh A phongan geur na ìseal
Mar 'tha alt no cnàimh 'g a chiùrradh.
14. Do chasan naomh 'bha 'g imeachduinn
Thar mhonadh, bhlàr, is fhàsach, A 'ieantuinn do chuid chaorach
'Bha 'n an gòraiche 'g ad fhàgail, Is ioma astar 'shiùbhail iad
Fo bhròn, is sgios, is ànradh : O los', nach caomhainn thu dhuinn iad
'Bhith leòinte leis na tàirnean ?
15. Am fuiHg sinn, a bhràithrean,
An sgial m' ar Slàn'ear èisdeachd ?
ii8
Mar 'bha 'chasan aig a mhuinntir ud
'G an tarsnadh air a chèile, Is tàirnean garg 'g an iomairt unnt,
Ar leam gun cluinn mi m' beum ac', 'S gach feith is alt a' crupadh
Is an t-iarunn fuar 'g an reubadh.
i6. 'S e 'mhiaduich dhut do dhòruinn
E 'bhith 'fairtleachd' air na h-euc'raich Do chasan naomh a chumail leo
Gu teann air muin a chèile. 'S bu honor buille 'bhualadh leo
Gu d' fhuaigheal ri d' chrann-cheusaidh Nach robh gu feum mar 'b' ann gu bhith
Ag ùrachadh do chreuchdan.
17. A Mhoire, nach bu chianail
An sealladh 'bha mu d' shùilean ! Bu mhua 'n dòruinn 'dh' fhuiHg thu
'S tu 'seasamh 'sin cho dlùth dha Na dh-fhòghnadh 'naoimh uil' eatorra
A ghiùlan gu bhith crìiinte. 'S tu "Banruinn fhior nam Mairtirean,"
Mar theirear riut 's an ùrnaigh.
18. Nach tusa 'th' air do chuaradh
Le mulad nach gabh innse, Do Mhacan fhèin cho truagh dheth, 'S nach urrainn duts' 'n ad dhìsle
119
A chobhair 's liigha 'dhianamh air Is cruaidh-chàs an 'n am mìltean
'G a riasladh is 'g a phianadh-si, Do Dhia, do Leanabh prìseil !
19. Tha 'n iobairt air an Altair
Ach cha chuimhne leo 'bhith 'liabadh 'Thoirt aoraidh 'n Uile-chumhachdach
Le smaoint no cainnt na h-ùrnaigh'. 'S e blaisbheum agus moUachdan
A chluinnear 'measg nan lìidhach Air Uan na h-Iobairt uasail
'Tha 'sgriobhadh chumhnaint ìiir dhuinn.
20. B' e Moire fhèin 's a cuideachda
Na bh' ann de 'n chinne-daonia 'Chaidh suas thun a mhonaidh ud
Le smaoint' air bàigh na aoradh ; Ach b' fhearr le los' 's e tàirnichte
A gaol-sa fhèin 'n a donar Na 'h-uile gaol dha còmhla
'Bha ri direadh 'feasd' 'o 'n t-saogh'1-sa.
21. Tha 'n ìobairt 'nis' a' feitheamh
A' bhith togte suas gu Dia ; Tionndamaid ar sùilean rith*
'S gum mathar dhuinn ar gniomh. Is iarramaid air Moire mhìn
I 'dh-inns' dha 'n t-Sagart los'
I20
Ar cuimhneachadh 's an Aifrinn aig' A ni e air an t-sHabh.
LAOIDH AN lASGAIR.
1. Dia'bhith timchioU air an sgothaidh Mu'n imich i gu doimhneachd mara : Slig' air linne dhuinn a treuntachd Mar 'eil freasdal Dè 'g a faire.
2. Faiceamaid do shoillse, 'Mlioire,
'N uair 'tha stoirm is oidhche 'gleac ruinn ;
Gur a tusa " Reul na mara,"
'S e fair' an èiginnich do chleachdadh.
3. 'Aingil ghil, dian thusa iùl duinn 'Threòraicheas ar siìibh'l feadh gharbh-thonn : Sgiath do chùram sgaoil mu 'n cuairt duinn 'N uair 'chinneas gruaim air gnìiis na fairge.
4. Guidheamaid do thaic-sa, 'Pheadair, Gun thu 'leigeil beud 'n ar caramh : Chuireadh muinntir cuain 'nad fhreasdal, Teasruig sinn bho as-call mara.
5. Gur a buidhe dhuinn an cosnadh 'Bha na h-Ostail fhein a' cleachdadh : 'S minig 'bha Mac Dè 'n an cuideachd 'Cur an tuigse dhuinn a thlachd deth.
I
I 2 I
6. 'Dhia, beannaich dhuinn ar driamlach, 'N lion, 's gach inneal-glacaidh 'th 'againn lomain h-uca mar is iomchuidh 'Sprèidh 'tha 'g ionaltradh 's an aigeann.
7. Beannaich thusa dhuinn ar curachd, Cha-n urrainn nach tig cuibheas oirre : Gu'm mealamaid a bheannachd Bharrach- Toradh mar' a cuile-Mhoire.
8. 'N uair a 's f heudar dhuinn 'bhith 'tilleadh Stiùir thu cinnteach sinn gu cala.
Ma chuir thu oirnne seach ar feuma Cha-n fhaicear leinn an dèirceach falamh.
9. Na leig h-ugainn bàs le graide, Orduich sagart 'bhith m' ar timchioU ; Naomhaich le d' Ola 's le d' Chorp sinn Mu'n tèid anam bochd air iomrall.
THA MOIRE FO BHRON.
Tha Moire fo bhròn,
Gur a frasach a deòir,
'S i 'g amharc a h-òg-Mhac ceusta.
Tha 'h-anam 'g a chlaoidh
Le mulad, le caoidh ;
Tha claidheamh 's geur fhaobh'r 'g a reubadh.
122
3- Tha Baintighearn' nan gràs Fo thìirsa, fo chràdh ; 'S beag ioghnadh do Mhàth'r Mhic Dè sin, .
4. Co e 'chuireas suas
Meud do mhulaid 's do thruaigh'
'S Mac àluinn do luaidh ga lèireadh ?
5. 'Beil duine cho cruaidh Nach fliuchte a ghruaidh
'S Màth'r Slàn 'ear an t-sluaigh n a h-èiginn ?
6. Co e nach bi 'caoidh
'S Màth'r losa 'n a chuimhn'
Fo dhòruinn 'g a claoidh le'Ceud-ghin?
7. Tha Criost ann an guais Air son eucoir an t-sluaigh
'S na sgiùrsan gun truas 'g a reubadh.
8. Tha 'h-aona Mhac caomh — Toradh gaolach a cuim
A' fàgail an t-saogh'l 'n a lèirsinn.
9. O fhuarain nan gràs Roinn leamsa do chràdh
Gun sil mi 'n ad phàirt na deuran.
10. M' fhuar-chridhe fàg blàth Gu gaol 'thoirt dha d' ghràdh Gun taisbean mi, 'Mhàth'r, mo spèis dhut.
123
11. 'Naomh Bhaintighearna mhìn Air clàrabh mo chrìdh' Sgriobh lotan an Tì a cheusadh.
12. Roinn leamsa an tàir' 'Fhuair los' air mo sgàth
*G am cheannach le cràdh 's le creuchdan.
13. O nach ruitheadh mo dheòir 'G a chaoidh-sa 'chaidh 'leòn'
Aon ùin 'bhithinn beò 's a chèin-thir !
14. B' e mo roghainn is m' àiU A, bhith, 'Mhoire, 'n ad dhàil Ri cumha fo sgàil' a cheusaidh.
15. Oigh chliùiteach 'measg chàich, Ge bu pheacach mo ghnàth
Bidh mi 'caoineadh leat gràdh do chèille.
16. Bidh mo chuimhn' air a bhàs, Faigheam cuibhrionn de 'phàis
Cha dioch'nuich mi 'bhràth mar dh' eug e.
17. Biodh m' anam a chaoidh Fo phianadh a chruinn
Air mhisg leis na thaom bho 'fhèithean.
18. 'S tusa, 'Mhoire, mo dhion, Saor thu m' anam bho phian
'N uair a thaisbeanar Criost 's na speuran.
124
iQ. 'N uair a's fheudar 'bhi 'triall Thoirt cunntais 'n ar gniomh Gun robh Moire a' rian mo cheuman.
20. Na leig m' anam gu bròn Is am bàs air mo thòir, Ach suidhich 'n ad chòmh'l e 'n èibhneas.
Amen.
URNAIGHEAN AITHGHEARR.
1. Aoram thu, 'Aobhar mo bhith ; Siream thu, 'Chuspair mo bheath'; w Molam do dhianadas math ; Guidheam do dhion 's a chath.
2. Mo smaointean a bhith unnad ! Mo bhriathran a bhith umad ! Mo ghniomhran a bhith h-ugad ! 'S mi dh-f hulang mar a dh' fhuihg !
NAOMH MICHEAL.
Thog Naomh Mìcheal a bhratach Anns na Flathas a 's àirde,
'N aghaidh Aingeal an uabhair, A ghluais leis an àrdan.
125
'G a chur fhein ann an inbhe, Cho àrd ri Riaghlair nan gràsan,
A choisinn da 'bhi 'g a phianadh Fad na sìorrachd gun fhathamas.
2. 'S e Naomh Mìcheal 'bha dìleas
Nach do dhìbir an t-ard Rìgh, Shèid e 'n trompaid 's gu 'n ghluais i
Mu 'n cuairt da feachd làidir Le 'chlaidheamh 's le 'sgèith air
Gu 'n dh-èibh e ri 'chàirdean " Co tba coltach ri 'r Dia-ne?"
'S e 'n t-Athair siorruidh a 's àirde.
3. B' aobhar uamhais ri chlaistinn
Ann am Flathas na sìthe, Airm chòmhraig 'g an glacadh
Gus a Chathair a thiarnadh Air nàmhaid a cheartais
Leis am b' aindeoineach strìochdadh, Gu 's na chuireadh 'n ruaig air
Gu aibheis dhuaichnidh dhu-shìorruidh.
4. Thug an t-Aingeal Naomh Mìcheal
Loma sgrìob air an nàmhaid A mach bho àros na sìthe,
'S chaill na mìUtean diubh 'n àitean ; Chaidh an iomain gu priosan
As nach till iad gu bràch a Lasair theine gun dìocladh
Fad na sìorrachd 'g an cnàmh ann.
126
5- Gu 'n deach trian de na h-Ainglean
A bh' ann an aoibhneas 's an sòlas, A ruaigeadh mar nàimhdean
Gu aibheis na dòruinn Bho 'n bheil iad le 'n cuid shaighdean
'G an cuimseachadh oirnne. Ach tha sgiathan Naoimh Mìcheal
'G ar dion bho 'n guin leònaidh.
6. Bu mhor eud a chinnfheadhna
Mu 'n fhior-Shaighdear neo-sgàthach A' cur 'fheachd 'n deagh riaghailt
'S iad cho dian gu buaidh làrach Le 'n cuid shleaghan is sgiathan
Gus an dion air an nàmhaid, 'S iad nach tiUeadh 's nach strìochdadh
'S an àrd Dhia 'faotainn tàire.
7. Bu gharg a chonnspaid 's bu dìleas
A bh' aig na mìUtean gun taise, 'Dh-eirich suas le Naomh Mìcheal
Is iad cho cinnteach le 'fhacal. Le buiUe lotach, throm, bhàsmhor
Thilg e 'n dràgon fo 'chasan, 'S le neart a ghàirdein thrèin làidir
A shleagh gu 'n shàth e 'n a leasraidh.
S. Bu mhì-thaitneach 'n sealladh
Le Righ na cathrach 's bu ghràineil Na bha 'dh-àiteachan falamh
127
A bh' aig na ceannaircich dhàna ; Ach 'n a thròcair neo-chriochnach
Ghin e riamhag bho Adhamh A ni le còmhnadh Naomh Mìcheal
Gach àite 'lìonadh mar bha iad.
9. 'N sin dh' oiUtich 's gu n' chreathnaich
An cealgair carach le farmad 'S dheilbh e innleachdan peacaidh
Gu mealladh sUochd Adhamh, Le droch naimhdeas do 'n Trianaid
Is do 'n triath 'chuir as àit' ; Mheall e Eubh leis an abhuU
'S ar priomh Athair Adhamh.
10. Bho 'n is ceannard feachd Rioghail
Naomh Mìcheal, àrd-aingeal, Guidheamaid' air le 'r dichioll,
Sinn fhèin 'thoirt fo bhrataich, Gu bhi 'n ar saighdeirean dìleas
Gu ruith ar tìm a tha aithghearr, 'S aig àm ar crìch 'bhi 'g ar dion
Air nàmhaid ciocrach Dhia 'cheartais.
f Alk BEANNACHADH MOIRE.
I. Fàilte dhut, a Bhaintighearna ! A Mhàthair ghlòrmhor Dhè I
128
Bho tha thu làn de ghràsan Dian ar sàbhaladh bho bheud.
Beannaichte 'measg mhnàth' thu,
'S tu saor bho pheacadh^Adhamh,
A nis' 's aig uair ar bàis
Dian ar tearmunn fo d' sgèith.
'S mòr an t-aobhar nàire
Do shluagh a tha gun chèill,
'N uair a tha iad le 'n dànachd 'Toirt tàir' do Mhàthair Dhè,
'S gun chuir e 'n t-Aingeal Gàbriel
A nuas bho làthair fhèin
Gu h-ùmhlaidh a chur fàilt oirr' Ge b' àrd a ghlòir air nèamh.
Fàilt ort, Oigh nan òighean !
A lòchrain laiste Dhè, 'Bheir soilleireachd is eòlas
Le d' thròcair dhuinn bho nèamh, Faigh dhuinn bho d' Mhac glòrmhor As leth na Fala 'dhòirt e Gum bi sinn ann an sòlas
'N còmhail Abrahaim.
Fhuair sinn anns a ghàradh Gealladh làidir bho bhial Dè
Gum pronnte fo do shàil
Ceann an t-Sàtain, 'rinn a bhreug,
129
'N uair 'thug e air ar Pàrantan 'Bha neochiontach 'am Pàras, Gun 'bhrist iad air an fhàinte, A' toilltinn bàs 'n a dhèigh.
Fàilte dhut, a TheampuiU
'Tha coisrigte le Dia ! 'S tusa Reul ùr làcob,
'Tha 'deàrrsadh mar a ghrian Ged tha sinn ann an ànradh, Le sùil 'thoirt air ar Màthair, Gum fuasgail i 's gach càs oirnn
Tre 'h-iochd 's a bàigh ri cloinn.
Eiribh suas, a bhràithrean,
Anns gach àite a tà fo 'n ghrèin, 'S cuiribh 'n gèill gu 'n àicheadh
CHìi do Mhàthair Dhè A dh 'fhuihg pian is cràdh Agus dòruinn nach gabh àireamh 'S i 'faicinn a' bhi tàirneadh
A Mic ghràdhaich ri crann-ceusd'.
130
LAOIDH AN TUATHANAICH.
1. Bho nach diamhanas 'ni cìiis duinn
Feumaidh sinn tionndadh ri àiteach, Bho 's ann le faUus ar gnìiis'
A ghealladh dhuinn ar n-aran làitheil.
2. Anns a mhaduinn 'an àm dùsgaidh
Thugamaid chìi le dian chrabhadh Do 'n Ard-Dhia a ghabh ar cùram 'S an dùiseal 'an robh sinn sàmhach.
3. Cuireamaid a chrois le ìimhlachd
Oirnn fo iùl na Trianaid àghor, 'S tairgeamaid do Dhia na naomhachd Ar gniomhan le aoradh làidir.
4. Beannachd iarramaid d' ar saothair
Lo3 gun cinn i mar a 's àill leinn, Torrach tarbhach, chum *s gum faod sinn Pàirteachadh ri daoin' 'tha 'n àmhghar.
5. Beannaich thusa, 'Dhia, ar n-acfhuinn,
Croinn, is cairtean, 's an hichd-tàirne ; 'S deònaich dhuinn le cumhachd d' fheartan Ciall is neart air son an àitich.
6. Bitheamaid air ar stuiradh leatsa,
'S ionnsaich fhèin a bheairt a's fhearr duinn, 'Chionn as d' aonais bi'dh sinn lapach, Mo Dhia, na dealaich gu bràch ruinn.
7. Stiùir sinn air rathad a cheartais,
'S biodh do reachdan duinn mar sgàthan : 'N siol a chuireas sinn 's an talamh
Braon do dhealta 's do mhaoth bhlàs air,
8. Chum 's nach meataich fuachd na tais e
Gus am faigh e neart is càileachd Is gu'n toir gach neach a chi e
Aoradh buan do 'n Ti 'chuir fàs air.
9. 'N uair a thèid sinn air ar glìiinean
Le ùmhlachd agus le cràbhadh, larramaid beannachd le 'r dùrachd Do 'r dùthaich a2rus do 'r càirdean.
*•&'
10. Tha na mairbh againn ri 'chunntais
Aig 'bheil dùil gum faigh sinn fàbhar Dhaibh 's a phriosan 'bheil iad dùinte 'S gum fosgail ar n-ìirnaigh dhaibh Pàras.
11. Gum beannaich thu, 'Dhia, dhuinn ar maoin
Ar crodh, ar caoraich, 's an cuid àlach ; Bhiomaid buileach as an aonais
Mar a b' e do chaoimhneas gràidh-se.
132
12. Deònaich dhuinn nach dian sinn diochuimhn*
Orts', 'tha 'riaghladh anns gach àite ; 'S as leth d' iochd mu 'n tig a chrìoch oirnn Na biodh d' fhiachan oirnn gun phàidheadh.
13. 'N uair 'chì sinn le d' òrdugh naomh-sa
Toradh ar saothrach gu 'r n-àiUeas, 'S aobhar taingealachd is gaoil e, — 'S ioghnadh ma chuireas sinn dàil ann.
14. 'S tu 'tha 'buileachadh oirnn daonnan
Biadh, is aodach, agus slàinte, Tairgeamaid taing agus gaol dhut Maille ris na naoimh 'tha 'm Pàras.
15. Tairgeamaid ar gniomh' air thùs
Gu moladh agus cUù do 'r Slàn'ear, 'S thugamaid taing le deagh-rìin da Air son a chùram a ghnàth dhuinn.
16. Fuadaicheamaid bhuainn le ùmhlachd
Gach uamhar, drùis, agus àrdan, Los 'n uair thillear sios do 'n ùir sin Nach aobhar cùram am bàs duinn.
17. Leis a ghaol a thug ar Dia dhuinn
Chuir e siol air son ar tearnadh, Gedchaidh pàirt a dhìth le ianlainn,
'S cuid le cion friamh nach d' rinn fàs deth.
133
i8. Biomaid faic'leach air ar giùlan
Mu 'n tig 'o r cùl oirnn ar nàmhaid 'Chuireas coguU le droch rìin ann
'Choisneas ìirnais nach gabh cnàmh duinn.
AX AIFRIONN.
Romh '« Aifrinn.
A Dhia, thoir dhuinn na gràsan 'Bhith cuimhneach co tha 'làthair ; 'Bhith cuimhneach air an lobairt A thairg Thu uair do Bhàis. 'S ionann là a' cheusaidh Is Aifrionn naomh an àigh, 'S ionann Uan nan lobairt, — Mac Mhoire mhìn nan gràs.
Tha sinne 'so gu d' aoradh 'S gu d' mholadh mar is còir, Gu taing thoirt dhut, 's gur Uonor Na gibhtean 'chuir thu oirnn. Tha sinne 'g iarraidh trocaire Mu 'n ditear sinn 's a' mhòd ; Gabh truas ri peacaich bhochda, 'S an anmannan fo bhròn. 'Si 'n Aifrionn lobairt larrtais
134
A dh' orduich Dia dha fhèin, Gu fuasgladh air gach Criostuidh 'Dh iarradh fuasgladh 'n a fheum : Tha sinne, 'Dhia, ag ùrnaigh Thu 'dh-fhuasgladh oirnn gu lèir 'N ar n-aineolas, 'n ar bochduinne, 'N ar n-euslaintean 's 'n ar creuchd. 'S na caoraich bhochd as aonais A' chrò a' choisrig Dia, Na creidich 'dol gu breitheanas, 'S am bàs 'toirt bhuap' an ciall, 'S na h-anmannan dìleas Nach do dhiol tur am fiach, Seall air fuil an Uain ghil Is fuasgail orra 'Dhia.
2. Aig "■ Co7ifiteor^' is '' Kyì-ieT
Tha mi 'g aideachadh mo lochdan, 'Choisinn corruich dhomh bho Dhia, Is tha an t-aithreachas 'g am leònadh Thaobh gach olc a rinn mi riamh. Thug thu mathanas do 'n ostal, Ceannard air an da-fhear-dhiag ; Orms' dian tiòcair 'thaobh na dhòirt Thu Dh' fhuil gu m' dhòbheairtean 'thoirt dhiom.
3. Ai^ an f-Soisgeu/ 's a Chreiid.
Tha sinn 'seasamh aig an t-soisgeul Gu bhith deas gu 'chur 'an gniomh ;
I
135
Cha toir nàir' no eagal oirnne Cìil a chur ri creideamh Chriosd'. 'S daor a cheannaich Mac na h-Oighe An creideamh glòrmhor 's ro-mhòr fiach ; Cha choimeas idir luach an òir Ris an fhuil a dhòirt 'o 'chhabh.
At'g a?i Tdi'rgse 'i" a?i " Lavabo.^'
Chi mi aran air an Altair, 'S atins a' chaiHs chi mi fion ; Bi'idh iad air an tionndadh fhathasd Gu fior chorp is fior fhuil Chriosd. Nigh mo chridhe, fàg g'un smal e, — 'S lionor lochd 'bh' air m' anam riamh ; Ach, ma 's àiU leat, ni Thu m' ghlanadh, Chionn tha 'n comas agads', los'.
Aig an ** Sanct24sr
Is naomh, naomh, naomli Thu, 'Thighearna Dhia nan slògh ; Tha neamh is talamh làn De d' mhòrachd is de d' ghlòir.
o'
6. Aig " Meme7ito,^ nam beo'^
Beannaich an Eaglais is beannaich am Pàp, Beannaich ar n-easbuig is beannaich a' chlèir, Beannaich ar pàrantan, beannaich ar braithrean, Beannaich ar càirdean 's ar naimhdean gu lèir.
136
7- 'N iiair a bhuaikas an clag romh àm
a^ Choisrigidh.
Smaointean fuadain cuir air chìil, Crom do cheann is lùb do ghlùn ; Oir tha an Ti a' tighinn dlìith, An Ti a's mac do Righ nan dùl.
8. Aig d Choisrigeadh.
Fàilte dhut, Annlainn uasail ! Fàilte dhut a Chuirp a cheusadh ! A dh' fhuihg geur dhòruinn gu 'r saoradh. 'Chuirp Mhic Dhe, di-do-bheatha ! Bhona 's Tu Righ gach rath, 'S Tu an neart nach crion Fad thràth bi-bhuan, Fuasgail oirnn 'n ar n-airc a nis', Agus dion sinn aig uair a' bhàis. Amen.
Fàilte dhut, fhior-Fhuil uasail ! 'Dhòrtadh a nuas a creuchd an Tighearna ! A chaidh 's a' chroich airson an duine, 'S a dh' fhuiHg a thaobh a thoUadh, 'S a shil tonna fala !
A Mhic ionmhuinn, cuir h-ugainn do ghràsan, Agus dion sinn aig uair a' bhàis. Amen.
9. Eadar àm a Choisrigidh 's d Fhaidir.
Glac, a Thighearn', an lobairt uasal, 'N lobairt fhior-ghlan, 'n lobairt luachor —
137
Uan do ghràidh-sa — an deagh bhuachaill' ;
'S beannaich a ihreud 'tha 'n so mu 'n cuairt da.
Na h-anmannan bochd 's an dòruinn, Mùch an " teine 'tha 'g am fiachainn " Anns na tonnan fala 'dhòirt thu, " 'S dearrsadh orra solus siorruith."
10. Aig a Phaidir.
Ar n-Athair a tha air neamh, &c.
11. Eadar cz' Fhaidir agus " Agnus Deiy Teasraig sinn bho 'n h-uile dò-bheairt
Bh' ann, a th' ann, no 'bhitheas ; Cuidich leinn le neart do thròcair, Is fògair geilt ar cridhe.
12. Eadar ^' Agnus JDei^^ agus ^^- Domine^
non suin dignus.^* Dh' fhàg thu sìth aig d' Ostail dhìleas, 'S faigheamsa mo chòir dhe 'n dìleab ; Riaghail le d' ghràsan 'n Eaglais dhìHnn, 'S thoir gach cinneadh 'stigh fo 'dìdeann.
Leasaich thu an cron 'rinn Adhamh, Dh' fhosgail thu dhuinn dorus Phàrais ; Leanaidh mi gu dlùth na fàintean, 'S buanaichidh mi duais do chàirdean.
Biodh do chorp 'n a leigheas dhomhsa, Dionadh e mi ri uchd-comhraig ; Deònaich a' bhith leam 'g am chomhnadh 'N àm do 'n bhàs 'bhith 'tighinn 'am chòmbail.
'38
Aig àm na Co7ìiaÌ7ine.
'Anam Chriosta, naomhaich mi, A chuirp Chriosta, sàbhail mi. 'Fhuil Chriosta, sàthaich mi. 'Uisge thaoibh Chriosta, glan mi. A Phàis Chriosta, neartaich mi. 'losa mhath, gu gràsor èisd rium. Ann ad lotan falaich mi. Na fuiHg mo sgaradh bhuat. Bho 'n nàmhaid aingidh teasraig mi. Aig uair mo bhàis gairm mi. Agus òrdaich mi 'thighinn gad ionnsuidh. Gu 'bhith maiUe ri d' naoimh a' toirt cliù dhut Fad shaoghal nan saoghal. Amen.
'Crochadh fuilteach ri crann-ceusaidh, 'S lèir co-dhiu le sluagh do dhaondachd. Ceilte nis' tha 'n daondachd cuideachd — S' innleachd chumhachdach dhe 'd ghaol e.
Cha lèir dhomhs' na creuchdan domhain 'Tholladh unnad leis na tàirnean, Ach cha bhi mi mar bha Tòmas ; Foghnaidh dhomhsa briathar mo Shlànair.
*S iad na briathran 'shruth bho 'bhial-sa, Blasd' mar mhil bho chuach an t-seillein : 'S so mo Chorp-s' is Cailis m' Fhuilse — Briathar na Firinn' co nach geill dha !
139
14- Ai^ d! Bheaimachd,
Tog an làmh a choisrig Dia, An làmh a bhean do chorp an Tighearna. Beannaich am pobuU 'thug Dia dhut, 'S a bheannachd dhut fhein gu siorruith.
15. Gniomh Biiidheachais.
CHu do'n Athair, cliu do'n Mhac, CHu do'n Spiorad neartor naomh. Trianaid chumhachdach nam feart Molamaid mu seach 's mar aon. Amen.
LAOIDH AIRSON LA NOLLAIG.
(A Righ nan aÌ7iglea7i).
A Righ nan ainglean 's a Righ nan daoine !
'O'
'S a Righ mo ghaoil ! tha d'fhardach fuar. Cha-n àros rioghail a b'fhearr leat, losa, Ach fuachd is isleachd 'am fasgadh uamh'. FoNN — A Righ nan ainglean, &c.
2. Gaol do mhathar cumaidh blàs riut,
Moire mhìn 'tha naomh thar chàich, 'S a cridhe gaolach a' sior-thoirt aoraidh Do 'h-aon mhac àluinn nan uile ghràs.
140
Is ceòl binn-fhuaimneach 'tha 'n dràsda 'gluasad 'San iarmailt shuas 'tha laist' le glòir,
Gun d'aom Messia bha 'dhùil bho Hnntean A' sgaoileadh sìth 's g'ar saor' 'o bhròn.
Biodh luach gun innse 'an ionntas Righrean,
Or is sìoda agus siòras leug ; Tha gaol is dìlseachd *s an stàbull ìseal,
'S gach seud 'tha prìseil 'o ionntas Dhè.
FAILTE AIR REUL NA MARA. (u4ve Maris Stella),
1. Fàilt' air Reul na mara,
'Mhàthair chaomh mo Dhè; Fàilte, Oigh gun smal ort,
'Dh' fhàg dhuinn Pàras reidh.
2. Eisd, a mhàthair, an fhailt'
'Tha'n t-Aingeal Gabriel 'seinn ; Steidhich sinn 'an sìth, Atharraich ainm Eubh.
3. Fuasgail cuibhreach pheacach,
Soillsich dhaibhs' nach lèir, Fuadaich bhuainn gach eucoir, Stiìiir gach math 'n ar ceum.
141
4. Dearblì thu fhein 'n ad inhàthair ;
Eireadh bhuats' ar n-eigh Dhasa' 'rugadh dhuinne, 'Bha 'n a mhac dhut fhèin.
5. 'Oigh nan gràsan sonraichte,
Ciìiin os cionn gach te, Fuasgail sinn bho'r lochdan, Faigh dhuinn sìth is beus.
6. Faigh dhuinn geimneachd beatha,
Nochd an t-sUgh' 'tha reidh, Los gum faic sinn losa Sona leats' air nèamh.
7. Moladh bhuainn do'n Athair,
Luaidh do Mhac ar Dè, Cliù maraon do'n Spiorad
Do'n triùir mar ionann spèis. Amen.
REUL ALUINN A' CHUAIN.
I. A Mhaighdinn a's gile, a Mhoire mhìn-mhathair, 'Nad chomsa 'n a aonar bha 'n Slànair a' tàmh ; Tha 'n oidhche, a Mhoire, air tuiteam mu'n cuairt, Nach nochd thu do shoiUse Reul àluinn a chuain ?
142
i. Tha'n oidhche le neulaibh a' comhdach' an
t-saoghail, Tha bratach an dorchadais sgaoilt' anns a ghaoith, Tha'n Eaglais 'g a buaireadh, 's tha 'sùil 'coimhead
suas, Nach nochd thu do shoillse, Reul àluinn a' chuain ?
3. Bu lèir do mhac Dè d'anam geal 's e gun bheud, 'S nach d' thàinig am peacadh 'n a chòir 'ghabhail
seilbh ; Cha d'bhuin e bho thùs ach do'n Tighearna 's uails', Is choisrig e d' shoillse, Reul àluinn a' chuain.
4. An talamh cha d'thug ach aon fhasgadh do Dhia, Am fasgadh sin cridhe na h-Oigh' beannaichte, fial ; Bha fàrdach Mhic Dè agus fasgadh nan truagh 'An soillse do chridh'-sa, Reul àluinn a' chuain.
LAOIDH ROMH CHOMAINN.
1. Bha solus rèil mu Bhethlehem
'Niiair rugadh Slànair dhuinn,
Tha solus caomh rnu'n ahair thall
'N t-aon los' 'tha maille ruinn.
2. 'S e Dia e, ged nach leir a ghlòir —
'S ann dh'fhàg e sin air nèamh — 'S gun tigeamaid na 's luaithe na chòir, A dh'iarraidh 'rèir ar feum.
M3
3- Tha 'anam, 'fheòil is 'fhuil 'san làthair, Dh'ar sìiilean ged nach lèir ; Ach creididh sinn a bhriathran fhèin : D' a fhacals' co nach geill?
4. " 'S e so mo Chorp is caihs m' Fhuil ;"
B' iad sin na briathran binn, Air oidhche na suipreach deireannaich A labhair losa ruinn.
5. " Is thigeadh sibhse, 'tha sgìth ri saothair,
Is glieibh sibh fois an aigh ; Is thigeadh sibhs', 'tha leoint' is tinn, Is gheibh sibh neart is slàint.
6. " Se 'n t-aran a bheir mise dhuibh
M' fheoil phriseil fhein gu fior, Is gheibh sibh uile bhuam mar dhibh An fhuil a dhòirt 'o m' chUabh.
7. " A chlann, nach èisd sibh m' fhàinte-sa,"
Tha Criosta fhèin ag radh ! " Mur ith sibh m'fhèoil,'s mur òl sibh m' fhuil, Cha tiarnar sibh bho'n bhàs."
8. Cha-n airidh mis' thu 'thighinn, los',
A stigh fo m' f hardaich thruaigh ; Ach abair thus 'am facal, is Gheibh m'anam slàinte bhuat.
144
LAOIDH AN DEIGH DHOL-FO-LAIMH- EASBUIG.
1. 'Spioraid shòlasaich nan gràs, 'Thobhartais 'o 'n Ti a's àird', ThuirHng Thu 'n ar comhail le gràdh, Bi'dh sinn taingeil dhut gu bràch.
FoNN. — 'Chreideamh ! leug a's uaiUse prìs, Cha-n 'eil do luach an ionntas Righ. Dia thug dhuinn thu bhàrr na craoibh, 'S glèidhidh dhuinn thu 'n Spiorad Naomh.
2. 'S ann le ola naomh na slàint', 'S balsam naomh an fhàiHdh àigh, Rinn ar Dia ar creideamh slàn, 'Fògradh bhuainn ar geillt 's ar nàir.
3. Sgriobhadh oirnn leat seul a cheusd', Suaicheantas do 'laochraidh fhèin;
Ni sinn cogadh leat gu treun, Mar is còir do dh-armachd Dhè.
4. Biodh an t-aibhistear 's a threud, Biodh an saoghal 's ar coirbteachd fhèin 'Coimhstri geur le foill is feirg,
Cha treig sinne 'n Ti 'bha ceusd'.
ì
145
5- Cha-n fhaigh foill an namhaid buaidh; Cha-n e 'n saoghal no 'n fheòil 'bheir bhuainn Tobhartas na Trianaid àird ; Glèidhear leinn e gu 'n tig bàs.
6. Friamhaich domhain e 'n ar cridhe, Fliuchadh dealt a nèamh a fhriamh, Biodh e 'n a chinntinn dion
Los nach lùbar e ri sion.
7. Anail mharbhantach na h-uaiU' 'Chaoidh na sèideadh i mu 'n cuairt ; 'S lionor craobh dh' am b' àluinn fàs, Shearg an anail ud gu bàs.
8. Cuir mu*n cuairt dha ìsleachd cridhe, Gaol air los' is Moire mhìn,
Gaol air ùrnaigh 'mhaireas buan,
'S 'chaoidh cha chrionaich craobh nam buadh.
9. Aoradh bhuainn do dh-Athair nan gràs, Aoradh bhuainn do 'n Mhac 'fhuair bàs, Aoradh 'Chomhfhurtair an àigh, 'Còmhnuidh maiUe ruinn an dràsd'.
146
LATHA NA FEiRGE.
1. Là na feirge, 's e là-bhràth e.
'N cruinn-cè gu 'n dianar smàl dheth, Dh' innis Sibil, dh' innis Dài e.
2. 'S ann a bhios a' bhall-chrith thùrsach, 'N uair a chitear Criosta 'tùirhng 'Rannsachadh gu mean gach cùise.
3. Sèidear trombaid 's gàbhaidh toirm ; Cluinnear anns gach àite 'ghairm, 'Thionalas gu mòd na mairbh.
4. Clisgidh 'm bàs 's gu 'n cHsg na dùilean, 'N uair a dh-eireas sinn bho 'n smùraich, 'Thoirt do 'n Bhritheamh chruaidh ar cùnntais.
5. Leabhar sgribhte thig 'am follais, Anns am bi gach aon ni soilleir,
'S gheibh an saoghal ceart mar 'thoiUeas.
6. Air do 'n Bhrìtheamh dol 's a chathair, Aon ni diomhair cha ghabh falach,
'S air gach gniomh theid cls a ghabhail.
7. De, mo thruaigh', 'their mis' an là sin? Co 'm fear-comraig a ni bàigh rium ? 'S gann air naomh e fhein 'bhi sàbhailt
147
8. R'gh na mòrachd, Righ an uamhais, 'Bheir saor-mhathanas do d' shluagh, A thobair-thròcair saor bho ghuais mi.
9. Cuimhnich, losa, dha 'm beil spèis dhiom, Gur e mise fàth do cheum-sa,
'S na cuir cùl rium là na h-eiginn'.
10. 'Thi, 'rinn uiread air mo shon-sa,
A dhòirt d' fhuil air fiodh na croise, Cuir dhomh 'n ìre brìgh do lotan.
1 1. 'Bhrithimh, 'bheir a bhinn le ceartas, Thoir dhomh mathanas 'am pheacadh Mu 'n tig ormsa latha 'n tagraidh.
12. 'M chiontach truagh gur goirt tha m' osnaich, Nochdaidh m' ghruaidh dhut meud mo dhroch-
bheairt, • Eisd ri m' achanaich 's thoir fois domh.
13. 'Thi, 'thug mathanas do Mhàiri,
'Gheall do 'n mhèirleach seilbh 'am Pàras, — Thug so dhomhsa dòchas làidir.
14. M' ùrnaigh lag 's mo chràbhadh fionnar Neartaich fhein, 's ann duit a's urrainn, 'S teasraig mi bho lasair iutharn'.
15. Deònaich àit' dhomh 'measg nan caorach, Bho na gobhair dian mo shaoradh,
Air do dheas-làimh cuir gu taobh mi.
148
i6. Bho 'n mhuinntir mhollaichte 'g an claoidh 'An teine dian nach mùchar 'chaoidh Gairm-sa mi 'am measg nan Naomh.
1 7. Le cridh' ùmhlaidh, briste, cràiteach Mo dhian ùrnaigh riut, a Shlàn'ir, Gabh fo d' dhion 'an uair a' bhàis mi.
18. Là nan diar e; fàth ar smuaint' e, Air an eirich sinn bho 'n luaithre,
A dh-eisdear leinn a bhinn 'bhios buan duinn,
19. 'Thighearna 'Ios bho mheinn do mhathais Nochd do thròcaire ri 'r n-anam,
Thoir fois shiorruith dhuinn 's na Flathas.
Amen.
SALVE REGINA.
I. A Bhànrigh na glòrach, A Mhàthair na tròcair, Ar beatha, ar sòlas. Ar dòchas, ciad fàilt ort !
a, Riut tha sinn ag eigheach SHochd seachranach Eubha, 'An Gleannan nan deur so, Le geur-osnaich 's pràmh-ghal.
149
O, thoir sùil fhial oirnn, A Thaice nan Criosdaidhean, Is faiceamaid los', 'n uair 'Thig crioch air ar n-ànradh.
O, tha thu, 'Mhoir'-Oigh, Làn iochd agus tròcair, Ro-chaoin agus tèo-chridh'ch, Fior-shòlasach, càirdeal.
Amen.
|
• |
|
|
H |
|
|
•H |
|
|
li |
|
|
^d |
|
|
H |
oJ |
|
C^'J |
fH |
|
CD |
o |
|
o |
•H |
|
n;) |
Q< |
|
^ |
tn |
[
crf Q)
'd
•H O
cd H
(1)
^d o
Q)
r—'
•H
P
O I
o o
o
O
o w
2
|
-p |
GO |
|
H |
Cvi |
|
Q) |
tSJ |
|
O |
[> |
|
^ |
o |
University of Toronto Library
DO NOT
REMOVE
THE
CARD
FROM
THIS
Acme Library Card Pocket LOWE-MARTIN CO. limited
-^y^^t
, * <-
5-15
•' :- > C' r- :- r« r-
■•• '• ^» \
V '• ** 'u i C
^ U ^ ^ vv
■^ j* -
^^ ?► ^
' c ^V o >^
• \ '. > % ^è •. •
•-V'-
^ % m"
. \ %
0 -^
•V?
. V •- •-
* * ^ 0 0
0 ^ % '^. **
• ■ ^ #^
•* <• ''
>* N^
.* :4 ♦
^. ".. #
^ V > V > ^ ^
; ^ » *» ^' ?»
•^fifr^
■ j:^:. '•
,v V ^^" ^
, > X ^ #
• •- '- •^' V
^ c^ ^ v^ -
' i
mir :•
|
. •. -. • % •. ', v». v.^-^.'' ;■ ■ ■■ III |
|
|
■ ^■^ llll |
|
|
. - ^^^" ^^^^ - • iB ■■ i" IM «" ; ^H ^m ^m ^m « .. . « |
|
|
» • • • |
■ ■ ■ !Ì 1 |
|
' > ^- -: P^ ► * • * f |
V '. '- •
^ .• •• 'U ,1.
• % •• \ •: \ \ •: •• .' ^^ > : .
\ 'C V •J ^ W- . > .' -
0 A* .^
• * •
J^t'^O
% 4» jr, •
0^^ ;
^ w «^
'
«